Barrachd dhaoine clàraichte na riamh roimhe
- Air fhoillseachadh

Tha Coimisean an Taghaidh ag ràdh gu bheil àrdachadh san àireamh dhaoine a tha a' clàradh airson bhòtadh air thoiseach air an referendum air neo-eisimeileachd.
Le nas lugha na sia mìosan ri dhol gu là na bhòta, tha àireamhan airson na mìos a chaidh seachad a' sealltainn gu bheil 4.1 millean duine air clàr luchd-bhòtaidh na dùthcha.
Sin àrdachadh de cha-mhòr 60,000 duine.
Tha coltas gu bheil 76% de dhaoine òga aois 16 agus 17 air na h-ainmean aca a chur ris a' chlàr - sin 92,000 a-mach às an 120,000 aig a bheil cead bhòtaidh.
Tha oifigearan clàraidh thaghaidh ag obair ann an sgoiltean, colaistean agus oilthighean air feadh na dùthcha, a' dèanamh cinnteach gu bheil daoine a tha comasach bhòtadh mothachail gum feumar a bhith clàraichte 'son bhòtadh ron 2na là den t-Sultain.
Tha 176,000 oileanach an Alba aig a bheil cead bhòtaidh.
Bhòtaidh Alba san referendum air neo-eisimeileachd Diardaoin, 18 Sultain, le luchd-bhòtaidh a' freagairt na ceiste: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?" Bidh dà roghainn aca - "bu chòir" no "cha bu chòir".
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 Am Faoilleach 2014