BBC Naidheachdan

Dealbhan CCTV gan sgaoileadh an dèidh mèirle le gunna

Published
image copyrightPoileas na h-Alba
image captionDealbh CCTV den duine ann an sgìre Queensgate
Tha na Poilis ann an Inbhir Nis air dealbhan CCTV a sgaoileadh de dhuine a tha fo amharas gun do rinn e mèirle le gunna air bùth gheall sa bhaile.
Nochd an duine ann am bùth Paddy Power ann an sgìre Queensgate timcheall air 09:30m Didòmhnaich.
Thuirt na Poilis gu bheil iad den bheachd gu bheil an dà ìomhaigh a th' aca a' sealltainn an aon duine, ach gu bheil e air aodach atharrachadh anns an dàrna dealbh.
image copyrightPoileas na h-Alba
image captionTha dùil gun robh geansaidh soilleir-ghorm coltach ris an fhear seo air a' mhèirleach
Chaidh dealbh de gheansaidh soilleir-ghorm Adidas cuideachd a sgaoileadh, 's dùil gu bheil e coltach ris an fhear a bh' air a' mhèirleach.
Thathas a' tuigsinn gun robh gunna-làimhe aige agus e a' bagairt air luchd-obrach.
Thèich e le na mìltean notaichean.
image copyrightPoileas na h-Alba
image captionDealbh CCTV den duine a' coiseachd fo Dhrochaid nam Manach.
Chaidh fhaicinn às dèidh làimh a' dol tarsainn Sràid na h-Eaglaise agus Drochaid Sràid a' Ghreigich, mus deach e fo Dhrochaid nam Manach.
Thuirt na Poilis gun robh an duine geal agus mu shia troighean de dh'àirde.
Bha seacaid bhomair dhubh air, le geansaidh soilleir-ghorm, balaclàbha dubh, briogais chargo dhubh agus brògan dubha.
Stad e greiseag airson geansaidh dearg is dubh agus ad dhubh a chur air, agus às dèidh greis eile chuir e air lèine-t dhorcha agus seann jeans dhubh.
Bha poca mòr dubh aige na làimh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Mèirle le gunna an Inbhir Nis ga rannsachadh