Cead air iarraidh 'son Ceangal-rathad an Iar

  • Air fhoillseachadh
Ìomhaigh den rathad ùr
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum biodh an ceangal-rathad na fhuasgladh do thrioblaidean trafaig ann an Inbhir Nis.

Dh'iarr Comhairle na Gàidhealtachd cead-dealbhachaidh airson Ceangal-rathad an Iar Inbhir Nis agus cead ann am prionnsapal airson phròiseactan co-cheangailte ris.

Tha oifigearan air moladh gun toir comataidh dealbhachadh na comhairle cead dhan dà iarrtas.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum biodh an ceangal-rathad na fhuasgladh do thrioblaidean trafaig ann an Inbhir Nis.

Dheadh an rathad tarsainn air Abhainn Nis agus an Canàl Cailleannach is dhèanadh e ceangal eadar Rathad Dubhrais agus an A82.

Tha an t-slighe a thagh a' Chomhairle air connspaid adhbharachadh, 's luchd-iomairt a' cumail a-mach gun deadh pàirt de dh'àrainneachd phrìseil a' bhaile a chall.

Tha a' Chomhairle ag iarraidh Raon Goilf Thòrr Bheathain a ghluasad airson ionad spòrs ùr agus pàirceannan a chur na àite.

Tha iad cuideachd am beachd leudachadh a thoirt air a chladh aig Cille Bheathain.

Coinnichidh a' chomataidh air an 9mh là den Ghiblean.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh