Fear a bhàsaich an Loch Abar ga ainmeachadh
- Air fhoillseachadh
Tha na Poilis air fireannach a chaochail às dèidh tubaist rathaid air an A82 feasgair Dimàirt ainmeachadh.
B' esan Dùghlas Moyes, a bha 64, agus a bhuineadh do Chiseòirn air taobh siar Rois.
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu droch thubaist ceithir mìle deas air a' Ghearasdan mu 1.15f.
Bha an rathad eadar an Gearasdan agus Aiseig a' Chorrain dùinte airson grunn uairean de thìde.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 1 An Giblean 2014
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh