£1.1m do dh'Urras Taobh Siar na Hearadh

Horgabost
Image caption 'S ann an Horgabost a thèid an t-ionad a thogail.

Gheibh Urras Taobh Siar na Hearadh mu £1.1m bho Stòras Mòr a' Chrannchuir Nàiseanta.

Thèid an t-airgead a chosg air pròiseact gus ionad coimhearsnachd a thogail le goireasan airson muinntir an àite, do chompanaidhean beaga agus do luchd-turais.

'S ann aig Rubha Romagaidh ann an Horgabost a thèid a thogail.

Thèid a chleachdadh mar àite cruinneachaidh, le talla, cafaidh, oifisean agus stiùideo airson obair-ealain.

Bidh marquee cuideachd air an làraich, le àiteachan airson carabhanaichean, agus gàradh coimhearsnachd.

Thèid raon-cluiche cuideachd a thogail airson cloinne.

Tha an t-Urras den bheachd gun toir an t-ionad piseach mòr air an sgìre, leis gun cuidich e le a bhith a' tàladh theaghlaichean òga - rud a th' air a bhith na amas don Urras bho chaidh a chur air bhonn.