Mì-thoileachas mu Sgoil-àraich an Aodainn Bhàin
- Air fhoillseachadh

Tha pàrantan san Aodann Bhàn ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich gu math mì-thoilichte le freagairt a thug Riaghltas na h-Alba dhaibh mu shuidheachadh sgoil-àraich na sgìre.
Ghearain pàrantan ris an Riaghaltas gun do bhris Comhairle na Gàidhealtachd an lagh nuair a dhùin iad an sgoil-araich rè ùine an-uiridh.
Bha dithis phàistean clàraichte san sgoil-àraich airson na bliadhna-sgoile seo fhèin aig an àm, agus tha am pàrantan air a bhith a' strì gus an goireas a ghlèidheadh san ùine fhada.
Tha a-niste ceathrar phàistean clàraichte airson a dhol innte, agus tha i fhathast dùinte, le amharas ann nach fhosgail i a-chaoidh tuilleadh.
Tha an Riaghaltas a-niste air trì mìosan a thoirt dhan Chomhairle 'son co-chomhairleachadh poblach a chur air dòigh ma tha iad airson an sgoil-àraich a dhùnadh buileach glan.
Mì-thoileachas
Tha pàrantan a' cumail a-mach gur e sin a bha am beachd na Comhairle bho thoiseach, agus tha iad mì-thoilichte nach deach cuideam air oifigich foghlaim an sgoil-àraich fhosgladh às ùr.
Bho chaidh an sgoil-àraich a dhùnadh rè ùine, tha a' Chomhairle air molaidhean fhoillseachadh airson foghlaim ann an iar-thuath an eilein san àm ri teachd.
Fo na molaidhean sin dheadh Bun-sgoil an Aodainn Bhàin, tè Bhatarnais, agus tè an t-Sruthain a dhùnadh, le bun-sgoil mhòr ùr ga togail dhan sgìre air fad ann an Dùn Bheagain.
Thathas a' feitheamh air beachdan bho gach cuid Comhairle na Gàidhealtachd agus Riaghaltas na h-Alba.