Dòigh measaidh eile air fàire

  • Air fhoillseachadh
Pumpa-peatroilTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gun tèid dòigh measaidh eile a lorg.

Coimheadaidh Roinn an Ionmhais ann an Westminster ri dòigh eile a lorg, seach còdan-puist, air sgìrean a mheasadh airson sgeama lasachaidh Cìs a' Chonnaidh.

Tha an sgeama a' toirt 5sg far prìs gach liotair de pheatroil is diesel do dhaoine ann an sgìrean dùthchail, iomallach.

Thog am BP Lib-Deamach, John Thurso, a tha a' riochdachadh ceann a tuath na Gàidhealtachd, gearain gun robh an siostam a' dèanamh leth-bhreith air cuid de sgìrean a bhiodh freagarrach air an sgeama, ri linn a' chòd-phuist aca.

Thuirt e gun deach am Blàran Odhair ann an Dùthaich MhicAoidh fhàgail às an sgeama ri linn 's gu bheil an aon chòd-phuist aige 's a th' aig baile Inbhir Theòrsa, 30 mìle air falbh ann an Gallaibh.

Chan eil ach mu 200 duine a' fuireach air a' Bhlàran Odhair, le aon stèisean peatroil, ach seach gun robh Inbhir Theòrsa, le mu 7,000 de shluagh, anns an aon chòd-phuist, chaidh am Blàran Odhair a mheas faisg gu leòr air àite far a bheil taghadh de stèiseanan peatroil.

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gun tèid dòigh measaidh eile a lorg.

Tha muinntir Inbhir Theòrsa cuideachd airson còd-puist a' bhaile, a tha ceangailte ri Circeabhal ann an Arcaibh, atharrachadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh