Mì-thoileachas agus aiseagan gan gluasad
- Air fhoillseachadh

Tha mì-thoileachas ann gu bheil bàtaichean gu math nas lugha gu bhith air slighean aiseig Ratharsair agus an Eilein Sgitheanich agus àm fìor thrang den bhliadhna a' tòiseachadh.
Leis gu bheil obair-càraidh ga dèanamh air an MV Coruisk, cha bhith i a' tilleadh gu slighe Mhalaig agus Armadail mar a bha còir Dihaoine.
Bidh an MV Hallaig a' dol na h-àite, agus i sin a' gabhail beagan is fichead càr an àite an dà fhichead a ghabhas an MV Coruisk.
Mar sin, bidh bàta nas lùgha a-rithist air slìghe Ratharsair, seach an Hallaig.
Sùil mhionaideach
Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Hamish Friseal, gur e cùis nàire a th' ann agus clàr-ama an t-Samhraidh a' tòiseachadh.
"'S e briseadh-dùil mòr a th' ann dha na daoine ann an Ratharsair, gu h-àraidh às dèidh an othail a bh' ann timcheall air a' bhàt'-aiseig ùr a tha seo," thuirt e.
"Agus aig an àm seo den bhliadhna 's e cùis nàire a th' ann.
"Bidh duilgheasadan ann timcheall air Malaig - Armadail, chan eil dabht air sin.
"Feumaidh CalMac tòiseachadh air a bhith a' smaoineachadh ciamar a tha iad a' dol a chumail nan aiseagan a tha sin a' dol, gu h-àraidh eadar Ratharsair agus an t-Eilean Sgitheanach, seach gur e, mar a chanas iad, "lifeline service" a th' ann.
Obair-càraidh
"Tha iad ag ràdh gum bi i air ais an ceann cola-deug, ach dh'fhaodadh seo tachairt a-rithist, 's dòcha meadhan an t-Samhraidh, nuair a tha e pìos mòr nas trainge.
"Agus mar sin, feumaidh 's dòcha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a bhith a' toirt sùil gu mionaideach air ciamar a tha iad a' dol a bhith a' dèiligeadh ri rudan mar seo, agus nach bi na daoine a th' anns na sgìrean a tha seo, ann an Armadail 's ann an Ratharsair, nach bi dragh a' tighinn orra a h-uile trup a tha rudan a' dol ceàrr mu dheas," thuirt e.
Thuirt fear-labhairt bho ChalMac gun deach milleadh a dhèanamh air an MV Coruisk agus i air an t-slighe eadar Dùn Omhain agus Guraig, agus gu bheil obair-càraidh mhòr a dhìth oirre.
Thuirt iad gu bheil seo a' toirt nas fhaide na bha iad an dùil agus tha iad an dòchas gum bi i air ais ann an seirbheis meadhan na mìos seo fhèin, agus gu bheil iad duilich dha-rìribh mun t-suidheachadh.