Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ola agus Gas

Tha aithisg ùr ag ràdh gum faodadh gnìomhachas na h-ola 's a' ghas faisg air 40,000 cosnadh ùr a chruthachadh air feadh na Rìoghachd Aonaichte thairis air an dà bhliadhna seo tighinn. Tha an sgùdadh bho Bhanca na h-Alba den bheachd leis gu bheil a' mhòr-chuid den ghnìomhachas stèidhichte ann an Obar Dheathain agus anns an ear-thuath, gur e Alba a gheibheadh an t-earrainn as motha den obair ùr. Ach thuirt còrr is an treaas cuid de na companaidhean ris an deach bruidhinn gu bheil dragh orra mu chion sgilean obrach. Thuirt fear de bhuill Obar Dheathain ann am Pàrlamaid Westminster, an Làbarach Frank Doran, gum bi e doirbh do dh'Alba neo-eisimeileach smachd a chumail air a' ghnìomhachas leatha fhèin. Thuirt Coinneach MacAnndrais, fear-gnothaich ann an gnìomhachas na h-ola, agus a tha na bhall den iomairt airson neo-eisimeileachd, gun do ghabh riaghaltas an dèidh riaghaltais ann an Westminster brath air a' cheann a tuath airson airgead a thoirt às, gun ghuth air leasachadh.

Levi Bellfield

Fhuair am murtair a mharbh an nighean-sgoile Milly Dowler £450,000 de dh'airgead-dìolaidh an dèidh do phrìosannach eile ionnsaigh a thoirt air. Chaidh an t-ionnsaigh a thoirt air Levi Bellfield aig Prìosan Wakefield bho chionn còig bliadhna.

Afganastan

Chaidh tè-dhealbh a bha ag obair dhan bhuidhinn-naidheachd Associated Press a mharbhadh nuair a loisg poilis oirre le gunna air taobh sear Afganastan. Bha Anja Niedringhaus 48, agus bhuineadh i dhan Ghearmailt. Chaidh tè-naidheachd à Canada a bha còmhla rithe, Kathy Gannon, a leòn, agus tha ise anns an ospadal.

Bùthainnean Falamh

'S ann air àrd-shràidean na h-Alba a tha an àireamh as motha de bhùthainnean falamh a rèir sgrùdaidh na buidhne Deloitte. Thug a' bhuidheann am fiosrachadh bho rannsachadh a rinn iad air 6,000 bùth air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Mailèisia

Chaidh na sgiobannan a tha a' coimhead airson a' phlèana à Mailèisia a chaidh a dhìth bho chionn faisg air mìos a' feuchainn a-niste ri siognal a thogail fon mhuir far inneil-chlàraidh an itealain. Thuirt oifigich Astràilianach a th' air ceann na h-iomairt, gu bheil an aire air fad 150 mìle de cheann a deas a' Chuain Innseannaich.

Aiseagan

Tha fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich, Hamish Friseal, a' gearain gun tèid bàtaichean nas lugha fhàgail air dhà de sheirbheisean aiseig na sgìre airson ùine. Tha sin a' toirt buaidh air an t-seirbheis eadar Malaig is Armadal, agus air Seirbheis Ratharsair. Thuirt Mgr Friseal gu bheil e fìor-thàmailteach agus clàr-ama an t-Samhraidh aig CalMac a' tòiseachadh an-diugh. Thuirt CalMac gu bheil iad duilich mun t-suidheachadh, ach gun deach bàta Mhalaig is Armadail an Loch Coir' Uisg' a mhilleadh agus gum bi meadhan na mìos ann mus till i.

Tha dragh air Poilis anns an Eilean Sgitheanach mu fhear à Port Rìgh, Calum MacCoinnich, no Malcolm MacKenzie 's dòcha mar a dh'aithnicheas mòran e, air nach eil sgeul bho 05:30m an-diugh. Tha e 43 bliadhna de dh'aois, caol le falt donn. Bha briogais dhubh air, lèine uaine, agus seacaid fleece dhorcha. Tha càr VW Jetta dubh aige leis a' chlàradh AN08 VCL.