Clò Mòr air a' Bhan-Mhuic

  • Air fhoillseachadh
Miss PiggyTùs an deilbh, Vivienne Westwood
Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt Ùghdarras a' Chlò Mhòir gur e "com-pàirteachas samhlachail dha-rìribh" a bh' ann.

Chunnacas Miss Piggy ann an deise den Chlò Mhòr a dhealbh Vivienne Westwood.

'S i an cleasaiche ainmeil as ùire a th' air tighinn a-mach na tosgaire don chlò, a nithear a-mhàin air beartan làimhe sna h-Eileanan Siar.

Còmhla rithe air an liosta sin thuige seo tha Ben Affleck san fhilm Argo, agus Matt Smith mar Doctor Who.

'S i Vivienne Westwood a dhealbh an deise, a thuilleadh air aodach eile a bhios air a' bhan-mhuic ann am film ùr na Muppets Most Wanted.

Air thoiseach air fosgladh an fhilm ùir, sheas Miss Piggy airson dealbh, le Drochaid an Tùir ann an Lunnainn air a cùlaibh, agus i a' caitheamh na deise ùire.

Nuair a chuala Ùghdarras a' Chlò Mhòir mu dheidhinn, thuirt iad: "'S e com-pàirteachas samhlachail dha-rìribh a tha seo de dh'fhìor-dhealbhachadh clasaigeach Hollywood le Westwood, a' cleachdadh a' chlò as fheàrr san t-saoghal.

"Cha bhiomaid an dùil ri càil eile bhon bhana-chleasaiche as spaideile a th' ann na bhith a' roghnachadh a' Chlò Mhòir air an t-seusan seo.

"Tha sinn an dùil gun lean leadaidhean spaideil eile a h-eisimpleir."

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh