A' cuimhneachadh air laoich na h-iomain

Cluicheadairean Iomain Image copyright Other
Image caption Cluichidh Ceann a' Ghiuthsaich an aghaidh Caol Bhòid, 100 bliadhna agus là on a choinnich an dà chluba ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd ann an 1914.

Bidh geama iomain car tiamhaidh anns a' Phrìomh Lìog Disathairne, a' cuimhneachadh air sgrios uabhasach a' Chogaidh Mhòir.

Cluichidh Ceann a' Ghiuthsaich an aghaidh Chaoil Bhòid, 100 bliadhna agus là on a choinnich an dà chluba ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd ann an 1914.

Bha naoinear air a' phàirc an là sin nach do chluich iomain tuilleadh - chailleadh iad anns a' Chogadh.

Beagan mhìosan às dèidh do chluicheadairean Chaoil Bhòid agus Cheann a' Ghiuthsaich a bhith a' farpais ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd, bhiodh an saoghal aca air atharrachadh gu tur 's iad air an gairm dhan chogadh.

Eachdraidheil

Feasgair Disathairne, coinnichidh an dà sgioba a-rithist, 100 bliadhna agus là bhon gheama eachdraidheil sin.

"Bha e ainmeil ann an iomadach dòigh," thuirt an t-eòlaiche iomain, Uisdean MacIllFhinnein.

"Bhuannaich Ceann a' Ghiuthsaich airson a' chòigeamh turais agus, aig an àm sin, cha robh Cupa na Camanachd air a bhith a' dol cho fada.

"Ceithir mìosan mus do dh'fhalbh daoine dhan chogadh, tha mi cinnteach gun robh leth-shùil aca air adhart gu saoghal a bha ag atharrachadh, 's mar sin bha eachdraidh, an dà chuid eachdraidh an t-saoghail ag atharrachadh mun cuairt orra, agus bha e eachdraidheil a thaobh Cupa na Camanachd fhèin."

Le ùidh mhòr aig Ceann a' Ghiuthsaich nan eachdraidh, chuir an club à Bàideanach romhpa seo a chomharrachadh.

Comharrachadh

Thèid na sgiobaidhean a phìobareachd air a' phàirc agus thèid mionaid de shàmhchair a chumail ron ghèam, a' comharrachadh na gillean grinn nach do thilll bhon bhlàir.

Cluinnear cuideachd òraid ron ghèam agus thèid taisbeanadh a dhèanamh de dhealbhan agus dhuaisean bhon àm.

Tha sgioba Bhàideanach cuideachd air cuireadh a thoirt do dh'oifigearan Chaoil Bhòid.

Tha Ceann-suidhe Cheann a' Ghiuthsaich, Russell Jones, mothachail mun bhuaidh a bh' aig a' chogadh air na coimhearsnachdan beaga.

"Tha sinn a' bruidhinn air naoinear chluicheadairean a-mach à 24, ach chaill Taigh na Bruaich 49 duine anns a' Chogadh Mhòr agus chaill Ceann a' Ghiuthsaich 60 duine anns a' Chogadh Mhòr.

"Tha na figearan sin dìreach iongantach. Cha thuig sinne san là an-diugh ciamar as urrainn do choimhearsnachd an uimhir sin de dhaoine a chall," thuirt Mgr Jones.

Ginealach ùr

Thuirt Rhoda Wren, a tha a' cur taic ri Caol Bhòid, gu bheil e cudromach gu bheil an ginealach ùr de chluicheadairean òga a' tuigsinn a' chaill a chaidh fhulang anns na coimhearsnachdan a tha iad a' riochdachadh anns na linntean a dh'fhalbh.

"Tha e math gu bheil iad a' dèanamh rud air choireigin airson siud. Cha bu chòir dhuinn an dìochuimhneachadh gu sìorraidh," thuirt i.

Bidh an geama fìor chudromach dha aon de chluicheadairean Cheann a' Ghiuthsaich, Barry Dallas, leis gun robh aon de shinn-sheanairean a' cluiche ann an 1914.

Tha oifigearan a' chluba air bruidhinn ris na cluicheadairean gus mìneachadh cho cudromach agus eachdraidheil 's a tha an geama.

Ach aig a' cheann thall, tha Ceann a' Ghiuthsaich ag iarraidh an leithid de gheama mòr mar seo a bhuannachadh cuideachd.

"Tha sinn airson urram a thoirt do sgioba 1914, ach tha sinn cuideachd airson 's gum faigh sgioba 2014 dà phuing Disathairne," thuirt Russell Jones.

Thèid an geama a chluich ann an Ceann a' Ghiuthsaich Disathairne aig 2:30f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile