Sùil eile air planaichean am B862
- Air fhoillseachadh

Thèid sùil às ùr a thoirt air planaichean gus pàirt den rathad air taobh sear Loch Nis a dhùnadh fad an là airson sia seachdainean.
Seo an rathad a tha a' dol taobh Srath Fharraraig - am B862.
Bha Comhairle na Gàidhealtachd a' dol ga dhùnadh 's ga leasachadh mar phàirt de dh'obair air tuathanasan-gaoithe san sgìre.
Ach às dèidh coinneimh phoblaich oidhche Ardaoin, dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd sùil eile thoirt air na planaichean.
Aon rathad
'S e am B862 an aon rathad a tha a' dol eadar Cille Chuimein agus an Drochaid Bhàn.
Bidh clann a' dol dhan àrd-sgoil ann an Cille Chuimein, agus daoine bho thaobh sear Loch Nis a tha ag obair sa bhaile, a' cleachdadh an rathaid.
Sin a thuilleadh air na mìltean de luchd-turais a bhios a' gabhail cuairt san sgìre gach bliadhna.
Le obair gus tòiseachadh air taobh sear na locha ge-tà, chan eil an rathad farsaing gu leòr airson uidheamachd agus làraidhean fhaighinn a-steach.
Dùinte
Chaidh obair a dhèanamh air an rathad roimhe, ach bha planaichean aig Comhairle na Gàidhealtachd pàirt dheth a dhùnadh uile gu lèir aig Loch Tairbh airson suas ri sia seachdainean, a' tòiseachadh air an 21mh là den Ghiblean.
Bha e gu bhith dùinte bho 07:00m gu 7:00f, Diluain gu Dihaoine, ach a-mhàin airson busaichean-sgoile a leigeil troimhe aig gach ceann den là.
Bhiodh cead cuideachd aig na seirbheisean-èiginn a chleachdadh uair sam bith tron là.
Bha mòran dhaoine draghail mun bhuaidh a bhiodh aig a' phlana air daoine agus gnìomhachasan san sgìre.
"Chan e seo an t-àm as freagarraiche den bhliadhna seo a' dhèanamh agus cha deach conaltradh sam bith a dhèanamh ri luchd-gnìomhachais na sgìre," thuirt Lynne Forbais à Foithir.
Deasbad
Bha a' mhòr-chuid a bh' aig a' choinneimh den bheachd gum bu chòir dhan rathad a bhith dùinte tron oidhche, seach tron là.
Thuirt neach-labhairt bhon chompanaidh RJ MacLeòid nach biodh e sàbhailte dhan luchd-obrach aca a bhith ag obair san dorchadas.
Ach, thuirt cuid san luchd-èisteachd nach eil mòran dorchadais ann mun àm seo den bhliadhna, agus gun robh an leithid a' tachairt air an A82 taobh Loch Laomainn.
Às dèidh an deasbaid, thàinig co-dhùnadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus RJ MacLeòid gun deadh sùil eile a thoirt air a' ghnothach, le gealltanas gun tilleadh iad air ais don choimhearsnachd.