Margo NicDhòmhnaill air caochladh
- Air fhoillseachadh

Chaochail am BPA neo-eisimeileach Margo NicDhòmhnaill na dachaigh ann an Dùn Èideann.
Bha i 70 bliadhna de dh'aois.
Na ball de Phàrlamaid na h-Alba bho 1999, bha i air a bhith a' fulang le Parkinson's bho chionn 18 bliadhna.
Thuirt an duine aice, Jim Sillars: "An-diugh chaidh an solas a bu shoilleire an speur phoileataigeadh na h-Alba às."
Chaidh a taghadh mar Bhall-Pàrlamaid Nàiseantach ann am Baile Ghobhainn sa bhliadhna 1973, agus aig aon àm bha i na Leas-Cheannard air an SNP.
Bha i an uair sin na BPA airson sgìre Lodainn.
Chaidh a cur a-mach às a' phàrtaidh ann an 2003, agus i air a dhèanamh follaiseach gun robh i am beachd seasamh mar thagraiche neo-eisimeileach aig Holyrood airson Lodainn.
Bha a' Bh. NicDhòmhnaill gu mòr an lùib na h-iomairt airson a dhèanamh laghail ann an Alba cuideachadh le daoine a bha le tinneas bàsmhor làmh a chur nam beatha fhèin.
Comasach
Sùil air beatha Mhargo NicDhòmhnaill
Thuirt Mgr Sillars, a bha roimhe na Leas-Cheannard air Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba: "Chaochail mo bhean Margo NicDhòmhnaill gu sìtheil na dachaigh, ga cuairteachadh le a teaghlach, an-diugh aig 1:10f.
"Tha i a' fàgail falamhachd nar beatha a bhios do-dhèanta a lìonadh agus tha a bàs a' toirt aon de a tàlantan as fheàrr air falbh bho nàisean na h-Alba.
"B' ise, gun cheist sam bith, an neach-poileataigs a bu chomasaiche de a linn.
"An-diugh chaidh an solas a bu shoilleire an speur phoileataigeadh na h-Alba às.
Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond: "B' e Margo NicDhòmhnaill aon de na figearan a bu mhisneachaile ann an nàiseantachas Albannach.
Aithnichte
"On a chaidh a taghadh ann am fo-thaghadh Bhaile Ghobhainn ann an 1973 bha pàirt domhainn aice ann an turas fèin-riaghlaidh na h-Alba.
"Chan eil mòran luchd-poileataigs aithnichte dhan phoball air an ciad ainm - bha Margo. Tha nas lugha buileach aig a bheil an ìomhaigh agus tàlant airson a bhith air an taghadh mar thagraiche neo-eisimeileach - bha aig Margo."
Thuirt Mgr Salmond: "Chunnaic mi i dìreach an t-seachdain seo chaidh airson bruidhinn air an referendum air neo-eisimeileachd.
"Ged nach robh i làidir na bodhaig, bha a comhairle glic agus bha a dealasachd mu neo-eisimeileachd cho soilleir 's a bha e riamh," thuirt e.
Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gur e "call brònach" a bha na bàs do dh'Alba.