Feum air bàta-slaodaidh sna h-Eileanan

An Eleanor D Image copyright Wil Weijsters
Image caption Bha an Eleanor D a' seòladh bho Galveston ann an Texas gu ruige Liverpool.

Thuirt ball nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas Briannan MacNèill, gum bu chòir bàta-slaodaidh a bhith stèidhichte san sgìre a-rithist.

Nochd Mgr MacNèill dragh às dèidh do bhàta-bathair Tuirceach a bhith gun chumhachd aig muir fad còig làithean, mu 150 mìle an iar-thuath air Leòdhas.

Thuirt e nach biodh dìon sam bith air a bhith ann nam biodh càil air a dhol ceàrr le soitheach air an robh luchd nas cunnartaiche.

Chaidh bàta-slaodaidh nam Maor-cladaich a thoirt air falbh à Steòrnabhagh bho chionn dà bhliadhna, agus tè a-nis ann an Arcaibh a-mhàin.

Is coltach gun robh am bàta-bathair a' seòladh bho Galveston, Texas gu ruige Liverpool, nuair a chaidh rudeigin ceàrr air an einnsean aice far chosta Leòdhais.

Tha an Eleanor D, le luchd de ghràinnean fiodha orra, a-nis ga slaodadh gu Newcastle airson a càradh.

Rabhadh

A rèir Mhgr MhicNèill, dh'fhaodadh an aon rud tachairt a-rithist - nas fhaisge air tìr agus le luchd nas cunnartaiche.

"Faodaidh sinn a bhith toilichte aig an àm seo nach robh i a' tarraing rud sam bith a bha cunnartach, agus gun robh i fada air falbh bhon chost.

"Ach feumaidh sinn cuimhneachadh gum faod rudeigin tachairt nas giorra dhan chosta, le bàta a tha a' tarraing rudeigin na bu chunnartaiche, agus chan eil bàta-slaodaidh timcheall airson cobhair no cuideachadh a dhèanamh," thuirt e.

Leis gum bi rudan a' dol ceàrr aig muir, thuirt Mgr MacNèill gum bu chòir dhan riaghaltas ann an Westminster, a tha an-dràsta os cionn ghnothaichean, dàrna bàta-slaodaidh a stèidheachadh sna h-Eileanan.

"Sin an rud a tha an riaghaltas gun a dhèanamh; chan eil iad air àrachais a thoirt dhuinn timcheall air na costaichean a tha seo, ma thig sgath ceàrr," thuirt Mgr MacNèill.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile