Dàil air Oifis Puist a' Chàrnain

  • Air fhoillseachadh
Oifis a' Phuist
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an dithis a bha a' ruith Oifis a' Phuist ann an Creag Goraidh bho chionn dhà no trì bhliadhnaichean airson an dreuchd a leigeil dhiubh.

Dhùin Oifis a' Phuist ann an Creag Goraidh feasgair Disathairne, ged nach eil an oifis ùr aig a' Chàrnan fhathast deiseil airson fosgladh na h-àite.

'S e trioblaidean teicnigeach a th' air dàil de chòrr is dà mhìos adhbharachadh.

A-nis, feumaidh muinntir na sgìre a dhol gu ruige Baile a' Mhanaich no Dalabrog airson an cuid litrichean is eile a chur dhan phost.

Tha an dithis a bha a' ruith Oifis a' Phuist ann an Creag Goraidh bho chionn dhà no trì bhliadhnaichean a-nis airson an dreuchd a leigeil dhiubh.

Trioblaidean teicnigeach

Ach, bha duilgheadasan aca cuideigin eile fhaighinn a ghabhadh an t-seirbheis os làimh.

Bha a' bhùth aig Lovats aig a' Chàrnan deònach sin a dhèanamh, ach bha duilgheadas ann an uair sin aonta fhaighinn bho Oifis a' Phuist an t-seirbheis a ghluasad mu dhà mhìle gu deas.

Anns an t-Samhain an-uiridh, chaidh sin a rèiteach agus chaidh an 23mh là den Fhaoilleach ainmeachadh mar an là a dh'fhosgladh an oifis aig a' Chàrnan, agus dhùnadh oifis Chreag Goraidh air an aon là.

Cha do thachair sin ge-tà, air sàillibh trioblaidean teicnigeach, agus dh'aontaich oifis Chreag Goraidh cumail a' dol airson greis.

Fòghnaidh na dh'fhòghnas!

Ach leis nach eil fhios fhathast cuin a dh'fhosglas oifis a' Chàrnain, tha luchd-obrach Chreag Goraidh air "fòghnaidh na dh'fhòghnas" a ràdh.

Tha mu 23 mìle eadar Oifis Puist Bhaile a' Mhanaich agus an oifis làn-ùine eile ann an Dalabrog.

Tha oifis cuideachd fosgailte aig Ormacleit airson beagan uairean a thìde, dà là san t-seachdain.

Tha gnìomhachasan, sgoiltean agus oifisean stèidhichte san sgìre agus mar a tha cùisean an-dràsta, bhiodh aig cuid dhiubh ri còrr is 10 mìle a shiubhail airson seirbheis puist fhaighinn.

Thuirt neach-labhairt bho Oifis a' Phuist gu bheil iad duilich airson na trioblaidean a tha seo a' fagail aig a' mhòr-shluagh, agus gu bheil iad a' dèanamh nas urrainn dhaibh airson a chur ceart cho luath 's a ghabhas.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh