Dearbhadh mu rèile-beinne a' Chairn Ghuirm
- Air fhoillseachadh

Tha companaidh ùr gu bhith a' stiùireadh an ionad sgithidh as trainge ann an Alba, faisg air An Aghaidh Mhòir.
Tha luchd-seilbh Beinn a' Chàirn Ghuirm, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE), air a' bhuidheann thurasachd, Natural Retreats, fhastadh airson rèile-beinne a' Chairn Ghuirm, agus na goireasan a tha na chois, a ruith.
Bha an taghadh eadar Natural Retreats agus Serco, companaidh a tha a' ruith grunn sheirbheisean eadar-nàiseanta.
Dh'innis HIE sa Ghearran gur iad Natural Retreats am prìomh thagraiche airson cùmhnant a' Chairn Ghuirm.
'S ann le HIE a tha an Carn Gorm Earranta, agus gabhaidh Natural Retreats, a tha stèidhichte ann an Wilmslow ann an Cheshire, uallach obair-stiùiridh na buidhne.
Pròiseactan
Tòisichidh an cùmhnant, a' mhaireas 25 bliadhna, anns an Ògmhios.
Thuirt Natural Retreats gun cuireadh iad £6.2m a-steach dhan chompanaidh thairis air an ath chòig bliadhna. Tha HIE cuideachd air iasad de £4m a thoirt don bhuidheann airson loidse ùr a stèidheachadh.
Tha Natural Retreats air a' Ghaidhealtachd mar-thà.
'S iad a tha air cùlaibh an obair-leasachaidh luach nam milleanan aig Taigh-òsta Taigh Iain Ghròt, agus 's iad cuideachd a tha ag amas air goireas turasachd còig rionnagan a stèidheachadh ann an Caisteal Leòdhais.
Ged a bhios a' chompanaidh ùir a' stiùireadh na rèile-beinne fad 25 bliadhna, thuirt HIE gum bi an rèile agus oighreachd a' Chàirn Ghuirm a' fuireach anns an roinn phoblaich.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 Am Màrt 2014