Àrd-Sgoil an Òbain
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Eas-aonta mu chòmhdhail sgoile

8 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha mòran phàrantan air fàilte a chuir air plana Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson trèana a chleachdadh gus sgoilearan a ghiùlan gu Àrd-Sgoil an Òbain.

Ach chan eil a h-uile duine toilichte. Ann an sgìre Dhail Mhàilidh agus Loch Obha, tha e coltach gu bheil a' chuid mhòr de phàrantan an-aghaidh na sgeama.

Chaidh a' chùis a thogail aig coinneamh san sgìre, mar a tha Andreas Wolff ag aithris.