Dhèanadh "feachdan an dorchadais" gàirdeachas

Am Morair Robasdan
Image caption A' bruidhinn anns na Stàitean Aonaichte, thuirt am Morair Robasdan gun dèanadh "dealachadh" anns an Rìoghachd Aonaichte an saoghal air fad mi-thèarainnte.

Tha am Morair Robasdan, a bha roimhe na Àrd-Rùnaire air NATO, air a ràdh gum biodh dùthchannan an iar gu mòr air an lagachadh nam biodh Alba neo-eisimeileach.

A' bruidhinn anns na Stàitean Aonaichte, thuirt am Morair Robasdan gun dèanadh "dealachadh" anns an Rìoghachd Aonaichte an saoghal air fad mi-thèarainnte.

Thuirt neach-labhairt dhan Phrìomh Mhinistear ge-tà, gu bheil mòran aig Alba ri thabhainn dhan t-saoghal mar dhùthaich neo-eisimeileach.

Thuirt iad cuideachd gu bheil an referendum na mhodail air deamocrasaidh, mar a thuirt Rùnaire Stàite nan Stàitean Aonaichte bho chionn ghoirid.

Feachdan an dorchadais

Bha briathrachas a' Mhorair Robasdan làidir, 's e ag ràdh gu bheil àite Bhreatainn mar "acair dìon an iar" ann an cunnart.

Thog e air "feachdan an dorchadais" agus an gàirdeachas a dhèanadh iadsan, nam bhòtadh Alba airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail.

Bha Mgr Robasdan airson cur an cuimhne dhaoine cho cudromach is cumhachdadh 's a tha Breatainn a thaobh tèarainnteachd an t-saoghail, agus cho millteach 's a bhiodh e nan deadh Breatainn, mar a dh'aithnichear e an-dràsta, à bith.

"'S ann bho ar co-chòmhragaichean agus ar nàimhdean a thigeadh a' ghleadhraich as àirde.

"Bhiodh e "cataclysmic" nan deadh an dàrna cumhachd armailteach san taobh an iar na bhloighean am-bliadhna," thuirt e.

NATO

Bha am Morair Robasdan e fhèin na Rùnaire Dìon do Bhreatainn eadar 1997 agus 1999.

Tha e làidir den bheachd gu bheil NATO nas làidire leis an Rìoghachd Aonaichte mar phàirt dheth.

Thuirt e gu bheil dragh air Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte mu na bhiodh e a' ciallachadh do dhìon nam bhòtadh sluagh na h-Alba airson neo-eisimeileachd.

Mhol e gum bu chòir dhaibh na draghan a th' aca a dhèanamh follaiseach.

Tha an SNP ag ràdh ge-tà, gum biodh iad airson ballrachd fhaighinn ann an NATO, ach às aonais armachd niuclasaich an taobh a-staigh chrìochan na h-Alba.

Cron

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gun robh i "air h-uabhasachadh" le mar a bhruidhinn am Morair Robasdan.

Thuirt i: "Tha na thuirt Seòras Robasdan an-raoir, agus am briathrachas a chleachd e airson a ràdh, a' dèanamh cron mòr air an deasbad.

"Chan eil mi airson Seòras Robasdan a chiùineachadh, tha mi ag ràdh, cho follaiseach 's a ghabhas, gu bheil mi den bheachd gu bheil na briathran aige tàireil.

"B' esan am fear a thuirt gun cuireadh fèin-riaghladh às dhan SNP gu tur ge-tà, 's mar sin cha chuirinn cus brìgh san fhàisneachd aige.

A rèir Ms Sturgeon, tha am Morair Robasdan air a chùl a chur ri deasbad chiallach sam bith a dhèanamh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile