Ùghdarrasan Eileanach aig Westminster
- Air fhoillseachadh

Coinnichidh ceannardan nan comhairlean eileanach - Na h-Eileanan Siar, Arcaibh is Sealtainn - ri Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, Dimàirt.
Tha seo mar phàirt de chòmhraidhean a th' aca an t-seachdain seo aig Westminster, gus bruidhinn mun iomairt aca airson barrachd chumhachdan fhaighinn do na sgìrean eileanach.
Diluain, bha coinneamhan aca le Rùnaire a' Chumhachd, Ed Davey, agus Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil.
A' bruidhinn air thoiseach air a' choinneimh le Àrd-Rùnaire an Ionmhais, thuirt Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gum bithear a-rithist a' togail air cuspairean air a bheilear air a bhith a' bruidhinn thairis air na sia no seachd mìosan a chaidh seachad.
Am measg eile, thuirt e gun deadh faighneachd am b' urrainn don Riaghaltas càil a dhèanamh a thaobh cosgais VAT a lùghdachadh sna h-Eileanan, gu h-àraidh air stuthan a tha gan cleachdadh ann an gnìomhachas an togail.
Thuirt Mgr Dòmhnalladh gum bithear an dòchas grunn chuspairean a ghluasad air adhart, 's gum b' urrainnear aonta a ruighinn mu na rudan a tha an Riaghaltas deònach a thoirt dhaibh agus ciamar a b' urrainnear gluasad air adhart leotha.
Cumhachd ath-nuadhachail
Tha ceannardan nan eilean air dhà no trì choinneamhan a chumail le Mgr Davey, a' bruidhinn mu chumhachd ath-nuadhachail.
Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil cùisean a' gluasad air adhart agus gur e an cnap-starra as motha a tha romhpa aig an ìre seo, an ceangal eadar na h-Eileanan agus Tìr-Mòr.
"Tha sinn a' putadh an Riaghaltais airson na 's urrainn dhaibh a dhèanamh airson an cnap-starra a tha sin a thoirt air falbh.
"Tha na còmhraidhean a' dol glè mhath a thaobh sin," thuirt e.
Co-chòrdadh
Nas fhaide den bhliadhna, tha ceannardan nan comhairlean eileanach an dòchas tighinn gu aonta mu cho-chòrdadh le Riaghaltas Bhreatainn.
Thuirt am Fear-Gairm gu bheil e misneachail mu na còmhraidhean a th' air a bhith aca, 's gu bheil a h-uile duine tuigseach mu na tha fa-near dhaibh.
"Tha iad a' faicinn gu bheil e cothromach agus ceart dhuinn a bhith a' dèanamh an oidhirp a tha seo, aig an àm a tha seo gu sònraichte, gu h-àraidh leis a' cheist a thaobh neo-eisimileachd ann an Alba.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine gu math taiceil a thaobh na h-iomairt," thuirt e.
A thaobh buil nan còmhraidhean, thuirt Mgr Dòmhnallach: "Thairis air an dà mhìos a tha romhainn, bhiodh sinn an dòchas gum biodh e comasach dhuinn - sinn fhèin agus an dà riaghaltas - a thighinn a-mach le barrachd fiosrachaidh agus barrachd mìneachaidh air dè fàidhir a tha a' dol a thighinn a-mach às an seo."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 25 Am Màrt 2014