Cead do cheangal-rathad Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
An t-slighe a tha ga mholadh airson an rathaid ùirTùs an deilbh, BBC (le chead bho Chomhairle nan Gàidhealtachd)
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an t-slighe a thagh Comhairle na Gàidhealtachd air connspaid mhòr adhbharachadh.

Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad airson pròiseict gus ceangal-rathad a thogail an iar air baile Inbhir Nis.

Thug chomataidh dealbhachaidh a' chinn a deas cead dhan rathad agus gu goireasan ùra spòrs a bhios nam pàirt den phròiseict.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil feum mòr air an rathad agus meadhan a' bhaile air a thachdadh le càraichean.

Thèid an rathad tarsainn Abhainn Nis agus an Canàl Cailleannach agus bidh e a' ceangal Rathad Dubhrais agus an A82 air a' cheann thall.

Chan ann gun chonnspaid a tha an gnothach is cuid de dhaoine gu sònraichte mì-thoilichte leis an t-slighe a chaidh a thaghadh, roghainn a sia.

Tha luchd-iomairt a' cumail a-mach gu bheil an t-slighe sin a' fàgail gun rachadh pàirt de dh'àrainneachd phrìseil a' bhaile a chall gu tur, is gum biodh droch bhuaidh air goireasan spòrs.

Sùil

Sgrìobh còrr is 400 duine dhan Chomhairle gus cur an aghaidh nam planaichean, is dìreach aon neach a' cur taic riutha.

Thuirt an luchd-iomairt gun do chuir a' Chomhairle an t-iarrtas troimhe gun feart a thoirt air na draghan aca.

Thuirt ceannard na Comhairle, Drew Hendry, gum bi a' phròiseict gu buannachd a' bhaile, is thuirt am fear-gairm, Jimmy Gray, gum bi e am measg nam pròiseictean as cudromaiche sa Ghàidhealtachd bho chionn iomadh bliadhna.

Mar phàirt den obair, thèid Raon Goilf Thòrr Bheathain a ghluasad agus bidh ionad ùr spòrs stèidhichte far a bheil cuid de na tuill air an raon a th'ann.

Tha dùil gun cosg an obair air fad air an rathad agus na goireasan spòrs còrr is £40m.

Chaidh plana eile a bh'ann gus leudachadh a dhèanamh air Cladh Chille Bheathain a tharraing gus an tèid sgrùdadh a bharrachd a dhèanamh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh