Raon-cluiche is gàradh ùr do Bhreascleit

Tha coimhearsnachd Bhreascleit ann an Leòdhas air còrr is £200,000 fhaighinn bhon Chrannchur Nàiseanta.

Thèid an t-airgead a chosg air pàirce cluiche do chloinn, agus gàradh ùr.

"An t-airgead a fhuair sinn, 's ann airson àite cluiche a dhèanamh, gu h-àraid dhan chloinn, timcheall air an talla choimhearsnachd againn," thuirt Cathraiche Comann Coimhearsnachd Bhreascleit, Coinneach MacIllinneinn.

"Cha bhi trioblaid sam bith againn ga chosg. An t-àite far a bheil dùil againn ris an raon-cluiche a chur, tha e rudeigin bog an-dràsta, agus feumar tòrr obrach a dhèanamh airson an t-àite a dhèanamh rèidh, agus drèanachadh is rudan mar sin a chur air dòigh mus tèid na h-uidheaman cluiche fhèin a chur a-steach ann.

"Cuideachd tha pìos den sgeama, thathar a' dol a dhèanamh gàradh dhan sgoil ach am bi iad a' fàs lusan is rudan mar sin," thuirt e.

Tha an leasachadh na phàirt de phlana leasachaidh airson na coimhearsnachd a tha an Comann Coimhearsnachd air ullachadh o chionn ùine.