Fhalbh 's leugh seo!

  • Air fhoillseachadh
Casan chupail san leabaidhTùs an deilbh, Science Photo Library
Fo-thiotal an deilbh,
Tha uaireannan ann dar nach dèan "mo chreach-sa a thàinig" an gnothach.

'S farsainn an saoghal agus na nìthear ann, agus tha briathrachas aig gach cànan airson gach taobh dheth sin a chur an cèill.

Do Ghàidheil ge-tà, gu h-àraid 's dòcha, do luchd-ionnsachaidh, faodaidh e a bhith caran doirbh cuid den bhriathrachas sin a lorg.

Bidh cuid a tha fìor-mhodhail, agus nach cuir feum air cuid dheth. Ach do dhaoine a tha cleachdte ri bhith fuasgailte nan cuid labhairt sa chiad chànan aca, 's iad ag ionnsachadh na Gàidhlig, tha cho gann 's a tha fiosrachadh air mar a chuireas tu, uell, na rudan sin, an cèill, na bhacadh agus na dhuilgheadas mòr.

Tuigidh sibh na tha mi a' ciallachadh. Tha uaireannan ann dar nach dèan "mo chreach-sa a thàinig" an gnothach.

Tabù

Tha cuideachd suidheachaidhean ann, san dorchadas can, far an iarrar facal a thathar a' ciallachadh dha-rìribh, ach far nach tig às do bheul ach gòraiche.

Ma tha cliù aig a' Ghàidhlig, am measg chuid, mar "chànan glan," ge-tà, 's iad a th' air am mealladh.

"'S e cànan air leth beartach a th' ann (sa Ghàidhlig), ach tha cuid den stuth a tha gu math luachmhor ann an dòigh a' dol a-mach à bith le cion-cleachdaidh is cion-eòlais," thuirt an Dr. Mìcheal Newton, a th' air a' chainnt a th' air a bhith a dhìth air oileanaich, agus gu leòr de chainntearan dùthchais tha fhios, a chruinneachadh ann an leabhar - The Naughty Little Book of Gaelic.

"Tha mi an dòchas gun cuir an leabhar ri sin.

"'S e fealla-dhà a th' ann ann an dòigh; leabhar car aotrom anns a bheil faclan, 's gnàthasan-cainnte, rannan agus dibhearsan no dhà.

"Tha cabaideil air mallachdan, cabaideil eile air speuradh is tapagan, cabaideil air smocadh, cabaideil air òl is deoch, agus cabaideil air feise.

"Bha mo bhean 's mi fhìn air chuairt ann an Èirinn o chionn trì bliadhna, agus chaidh mi a-steach ann am bùth leabhraichean.

"Dh'amais mi air leabhar anns an robh mallachdan. Ma 's math mo chuimhne 's e The Irish Book of Curses an tiotal a bh' air.

"'S e leabhar gu math èibhinn, ait a bh' ann, agus dealbhan èibhinn ann. Thàinig e a-steach orm gun robh eòlas agam fhìn air mallachdan mar sin anns a' Ghàidhlig, agus gum biodh e math tuilleadh stuth a chur ri sin. Stuth eile a tha car tabù ann an saoghal na Gàidhlig.

"Mar a rinn iomadh oileanach Gàidhlig eile, bha faclan a dhìth orm. Faclan a chleachdainn ann an taigh-òsta, no ann an cèilidh, ach nach robh modhail, nach robh còir, 's nach robh anns na leabhraichean àbhaisteach," thuirt e.

Beusan "Victorian"

B'fheudar do Mhìcheal rannsachadh mòr a dhèanamh airson lorg fhaighinn air na chuir e dhan leabhar.

"Iomadh tobair. Chleachd mi seann làmh-sgrìobhainnean, 's seann leabhraichean a th' agam, ach a bharrachd air sin, dar a bha mi a' fuireach an Albainn Nuaidh, bha mi a' faighneachd dha na daoine a b'aithne dhomh dè na faclan a bh' aca, dè na h-abairtean a bh' aca air rudan mar sin.

"Dh'fhaighnich mi do dhuine no dhà ann an Albainn cuideachd," thuirt e.

Ged a bha am briathrachas uair an ìre mhath cumanta, chan eil lorg air cus dheth sna tha sgrìobhte againn sa Ghàidhlig o na linntean a dh'fhalbh - ged a tha barrachd na shaoileadh gu leòr.

"Tha dhà no trì adhbharan ann airson sin," thuirt Mìcheal.

"Anns a' chiad dol-a-mach, na rudan a th' againn ann an clò, gu math tric 's e daoine diadhaidh a dheasaich na leabhraichean 's na h-irisean.

"Mar sin, cha robh iad airson 's gun nochdadh rudan drabasta.

"A bharrachd air sin, thàinig atharrachadh air beusan saoghal na Beurla san 19mh Linn. Chanamaid beusan "Victorian".

"Le sin, dh'fhàs daoine car nàireach mu rudan air nach robh iad nàireach roimhe sin," thuirt e.