"Faodaidh Alba a bhith na sàr-nàisean"
- Air fhoillseachadh

Faodaidh Alba "a bhith na sàr-nàisean, gun a bhith na mòr-chumhachd," thuirt am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond.
A' toirt seachad òraid ann an New York, thuirt Mgr Salmond gur ann "tro eisimpleirean, seach tro làmhachas-làidir, a thig mòrachd."
Thuirt e gun obraicheadh Alba neo-eisimeileach gu "cuideachail" còmhla ri NATO.
Thuirt ceannard na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, Alasdair Darling, gun robh "neart, tèarainnteachd agus seasmhachd" aig Alba mar phàirt den RA.
Tha am Prìomh Mhinistear a' tadhail sna Stàitean Aonaichte mar phàirt de Sheachdain na h-Alba - fèis bhliadhnail a chomharraicheas ceanglaichean cultarail ri Aimeireaga a Tuath.
Thug e seachad a' chiad Òraid Chailleannach, ag innse do luchd-èisteachd aig campas New York de dh'Oilthigh Chailleanach Ghlaschu gun gabhadh Alba gnothach ris an t-saoghal mhòr nam bhòtadh an sluagh airson neo-eisimeileachd san Referendum san t-Sultain.
Sàr-nàisean
"Faodar a bhith nur sàr-nàisean, gun a bhith ag iarraidh a bhith nur mòr-chumhachd," thuirt e.
"Tha na Stàitean Aonaichte air an dà chuid, ach chan urrainn dhan chuid as motha de nàiseanan a bhith mar sin. Tha iad a' lagachadh an teansa a bhith nan sàr-nàisean ma dh'fheuchas iad ri bhith nam mòr-chumhachd.
"Dhan chuid as motha de dhùthchannan, 's ann tro eisimpleirean, seach tro làmhachas-làidir, a thig mòrachd; cumhachd bog, seach cumhachd cruaidh; tro fhèin-ùidh ghlic, seach fèin-ùidh leis fhèin."
Thuirt Mgr Salmond gun robh dùthchannan beaga a' toirt buaidh air an t-saoghal.
"Faodaidh dùthchannan buaidh a thoirt air an t-saoghal tro meud an cuid amasan, agus neart an cuid smuaintean, seach meud an cuid armachd, an sluaigh, no an tìre," thuirt e.
Tha Riaghaltas na h-Alba airson armachd niuclasach Trident na RA a chur a-mach à Alba neo-eisimeileach, leis an dùthaich na ball de NATO.
"Cha bhi armachd niuclasach againn - chan eil duine dha-rìribh a' creidsinn gum bu chòir do nàisean sa bheil còig millean duine a bhith na cumhachd armaichte niuclasach.
"Ach co-obraichidh sinn gu mòr, agus gu cuideachail còmhla ri ar nàbaidhean 's ar com-pàrtaichean, leithid nan 25 ball eile de NATO - a-mach à 28 - aig nach eil armachd niuclasach.
"Agus thèid sinn an lùib 193 buill eile de na Dùthchannan Aonaichte, a' taisbeanadh dìlseachd do lagh eadar-nàiseanta, agus ag obrachadh còmhla ri com-pàirtichean air feadh an t-saoghail."
Tèarainnteachd is seasmhachd
Bha Mgr Salmond a' bruidhinn air an dearbh là 's a thuirt seann Àrd-Rùnaire NATO, am Morair Robasdan, a bha cuideachd a' bruidhinn sna Stàitean Aonaichte, gun cuireadh neo-eisimeileachd do dh'Alba seasmhachd an t-saoghail fharsainn ann an cunnart.
Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gun robh na thuirt am Morair Robasdan "tàmailteach dha-rìribh."
Thuirt seann Sheansalair na RA, Alasdair Darling, a bha cuideachd sna Stàitean Aonaichte aig coinneamh-bheachdachaidh Stòras Eadar-nàiseanta an Ionmhais: "Tha fèin-aithne, cultar agus dualchas air leth aig Alba, air a bheileas mothachail air feadh an t-saoghail.
"Cha toir a bhith mar phàirt de rud nas motha sin air falbh. Chan eil e gu diofar càite an tèid thu san t-saoghal, aithnichidh daoine gu bheil Albannaich moiteil às ar cuid fèin-aithne.
"Chan fheum sinn roghnachadh eadar ar fèin-aithne Albannach agus an tèarainnteachd a tha an cois a bhith nar pàirt de rudeigin nas motha.
"Faodaidh sinn tarraing air a' chuid as fheàrr de gach taobh - Pàrlamaid làidir na h-Alba le gealltanas air tuilleadh chumhachdan, le neart, tèarainnteachd agus seasmhachd air a cùlaibh bho a bhith nar pàirt den RA nas motha. Carson a chuirte sin ann an cunnart?"
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An Giblean 2014