Taic-airgid ga sgaoileadh

  • Air fhoillseachadh
Dreallagan
Fo-thiotal an deilbh,
Thèid a t-airgead a roinn eadar pròiseactan air feadh na h-Alba.

Tha buidhnean-coimhearsnachd air feadh na h-Alba air fàilte chridheil a chur air an naidheachd gun tèid còrr air £10m bho Stòras Mòr a' Chrannchuir Nàiseanta a roinn eatorra.

Gheibh buidhnean air a' Gàidhealtachd agus anns na h-Eileanan mu £2m den mhaoin.

Thèid an t-airgead a chosg air tallaichean, ionadan ealain agus goireasan cluiche ann an diofar sgìrean air feadh na dùthcha a leasachadh.

Am measg nam pròiseactan a gheibh buannachd tha coimhearsnachd Bhreascleit ann an Leòdhas a gheibh còrr is £200,000 a thèid a chosg air pàirce chluiche do chloinn agus gàradh ùr.

"Cha bhith trioblaid sam bith againn ga chosg. An t-àite far a bheil dùil againn a' phàirce chluiche a chur tha e rudeigin bog an-dràsta agus feumar tòrr obrach a dhèanamh airson an t-àite a dhèanamh rèidh agus drèanachadh is rudan mar sin a chur air dòigh mus tèid na h-uidheaman cluiche fhèin a chur a-steach ann," thuirt Cathraiche Comann Coimhearsnachd Bhreascleit, Coinneach MacIllinneinn.

"Agus cuideachd tha pìos den sgeama, thathar a' dol a dhèanamh gàraidh dhan sgoil ach am bi iad a' fàs lusan is rudan mar sin 's gum faigh iad air ionnsachadh ciamar a bhios sin ag obair.

"Tha sin na phàirt den phròiseact cuideachd.

"Tha sinn ag amas air seo bho chionn fhada, agus ri linn sin tha mi a' smaoineachadh gur e rud math a th' ann airson na coimhearsnachd, agus gu h-àraid gum bi e shìos aig an talla choimhearsnachd, far am faigh sinn air an talla coimhearsnachd agus an sgoil agus a' chlann nuair a bhios iad anns an sgoil, gum faigh iad air seo a chleachdadh," thuirt e.

Gàirdeachas

Tha Ionad na Cloinne ann am Barraigh cuideachd a' dèanamh gairdeachais agus iadsan cuideachd am measg bhuidhnean a tha air taic-airgid fhaighinn bhon Chrannchur Nàiseanta.

Gheibh iad còrr is £170,000 'son an togalach aca a leudachadh.

A rèir comhairliche na sgìre, Dòmhnall Manford, bidh buannachd ann cuideachd dhan Ghàidhlig.

"Bheir e dhaibh an cothrom fàs nas motha, agus àite a bhith aca airson na h-uimhir de chloinn agus a tha ag iarraidh ann aig an ìre seo fhèin ann am Barraigh," thuirt e.

"'S e rud mòr mòr a tha sin, gu bheil an àireamh chloinne, chan e a-mhàin ag èirigh, ach an àireamh a tha ag iarraidh a bhith ionnsaichte sa Ghàidhlig, agus fiosrachail mun Ghàidhlig, ag èirigh cuideachd.

"Agus bheir e an cothrom sin a thoirt seachad. Ach a' sgaoileadh a-mach cuideachd. Bidh an togalach fosgailte airson obraichean anns a' choimhearsnachd fhèin a thoirt air n-aghaidh," thuirt e.

Gheibh sgioba Bhall-Coise a' Bhac ann an Leòdhas taic-airgid cuideachd anns a bheil luach faisg air £200,000.

Uile gu lèir thèid £10m a roinn eadar 59 pròiseact air feadh na h-Alba.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh