Deasbad mu chosgaisean cumhachd ann an Alba neo-eisimeileach

Crainn-gaoithe Image copyright Reuters
Image caption Tha Riaghaltas na h-Alba a' cumail a-mach gur e Alba an dùthaich Eòrpach as beartaiche a thaobh chumhachd.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gur dòcha gum fulaing gnìomhachas cumhachd ath-nuadhachail na h-Alba ma bhios an dùthaich neo-eisimeileach.

Tha an Riaghaltas air rabhadh gum faodadh gun cailleadh Alba neo-eisimeileach subsadaidhean cumhachd ath-nuadhachail bhon chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Chaidh tuairmse a dhèanamh gun deadh cunntasan dhaoine an Alba suas eadar £38 agus £189 sa bhliadhna; sin ma tha Alba airson na planaichean a th' aice an-dràsta airson cumhachd ath-nuadhachail a chumail suas.

Thuirt an aithisg "nach biodh uallach air a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte cumhachd a cheannach bho Alba neo-eisimeileach."

Thuirt Riaghaltas na h-Alba ge-tà, gur e Alba an dùthaich as beartaiche san Aonadh Eòrpa a thaobh chumhachd agus nach eil anns an aithisg ach tuilleadh "scaremongering".

Argamaid

Na bu thràithe air an t-seachdain seo, rinn Riaghaltas na h-Alba argamaid gum biodh an còrr den Rìoghachd Aonaichte an urra ri in-mhalairt gus a dleastanasan a thaobh chumhachd ath-nuadhachail a choileanadh.

Tha am beachd sin ga dheasbad ann an aithisg le Roinn a' Chumhachd agus Atharrachadh na Gnàth-shìde, a thèid fhoillseachadh le Rùnaire Chumhachd na Rìoghachd Aonaichte, Ed Davy, ann an Dùn Èideann.

Image copyright PA
Image caption Thèid an aithisg le Roinn a' Chumhachd agus Atharrachadh na Gnàth-shìde fhoillseachadh ann an Dùn Èideann le Rùnaire Chumhachd na Rìoghachd Aonaichte, Ed Davy.

Tha an aithisg ag ràdh: "Dheadh co-dhùnadh gus cumhachd in-mhalairt bho Alba neo-eisimeileach a ghabhail air bun-stèidh coimeirsealta, agus gu maith a' chòrr den RA."

Tha seo a' dol an aghaidh bheachdan Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba gum biodh an dà dhùthaich airson obrachadh san aon mhargaidh chumhachd cho-roinnte.

Margaidh shingilte

Dh'innis Ed Davy dhan BhBC: "Saoilidh mi gu bheil margaidh shingilte Bhreatainn - aonaichte mar a tha sinn an-dràsta, far a bheil cumhachd a' sruthadh thairis nan crìochan gu seòlta - a' fàgail ar cumhachd nas tèarainte, a' cumail chosgaisean sìos agus a' toirt cothrom dhuinn a' dhol "uaine", a' leasachadh càrboin. Dèan sgaradh air an sin agus falbhaidh na buannachdan."

Thuirt e cuideachd: "Mar Rùnaire na Stàite airson Chumhachd agus Atharrachadh na Gnàth-Shìde san RA air fad, tha ùidh mhòr agam anns na tha a' tachairt ann an Alba. Mur a bithinn fhathast nam Rùnaire Stàite airson Chumhachd agus Atharrachadh na Gnàth-Shìde ann an Alba, dh'fheumainn mo dhìcheall a dhèanamh às leth an luchd-cleachdaidh ann an Sasainn agus a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath.

Chaidh a bheachd a dhaingneachadh ann an aithisg Whitehall, a tha ag ràdh gum biodh dòigh-obrach chumanta "uabhasach duilich nuair a bhiodh an dà chuid airson co-dhùnaidhean a ghabhail às leth an luchd-dùthcha agus an luchd-cleachdaidh."

Thuirt e cuideachd: "Le farsaingeachd de thùsan air taobh a-staigh a crìochan fhèin agus an àiteachan eile, cha bhiodh uallach air a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte cumhachd a cheannach bho Alba neo-eisimeileach.

Dòigh-obrach chàirdeil

Tha aithisg Riaghaltas Westminster, a thèid fhoillseachadh air thoiseach air an referendum air neo-eisimeileachd air an 18mh là den t-Sultain, ag ràdh gu bheil an RA san dàrna àite san t-saoghal a thaobh tèarainteachd chumhachd.

Ach, tha Riaghaltas na h-Alba a' cumail a-mach gur e Alba an dùthaich Eòrpach as beartaiche a thaobh chumhachd ri linn ola, gas, cumhachd-uisge, cumhachd-gaoithe agus cumhachd-mara, agus gun do dh'fhàillig Riaghaltas na RA a bhith cinnteach à tèarainteachd solarachaidh ri linn dàil nan cuid phoileasaidhean.

Thuirt Ministear Cumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, nach eil anns an aithisg ach tuilleadh "scaremongering".

Thuirt e gum biodh ministearan aig Westminster na b' fheàrr dòigh-obrach chàirdeil a chumail suas le Alba.

Mealladh

Thuirt Mgr Ewing nach robh e air an aithisg a leughadh, ach gun creideadh e gum mealladh i daoine.

Cha robh e a' creidsinn gum biodh guth san aithisg mu na cosgaisean an lùib stèisein chumhachd niuclasaich ùr aig Hinkley Point, no na cosgaisean an lùib dì-choimiseanadh aig Sellafield.

Thuirt Ministear Chumhachd na h-Alba: "'S e cnag na cùise gun tèid prìsean suas ri linn 's gun do dh'fhàillig an RA nam prìomh amas gus gu leòr dealain a sholarachadh.

Thuirt Rùnaire Chumhachd na Rìoghachd Aonaichte ge-tà, gun deach na "cosgaisean air fad" a chunntais agus nach robh Mgr Ewing a' leigeil air gu bheil cumhachd niuclasach an-dràsta gu mòr nas saoire na cumhachd ath-nuadhachail, leithid cumhachd-gaoithe.

Tha sgrùdadh Whitehall a' cumail a-mach gu bheil Alba a' faighinn barrachd na a cuibhreann fhèin de dh'airgead a tha ga chosg air cumhachd ath-nuadhachail, a' faighinn 28% de shubsadaidhean airson chumhachd ath-nuadhachail ann an 2012-13, 's an dùthaich cunntachail airson 10% de chunntais dealain na RA.

Tha e cuideachd ag ràdh gun deach 30% den airgead a chaidh a chur ma seach do ghriod Bheatainn eadar 2013 agus 2021 a chosg air leasachaidhean air a' ghriod ann an Alba.

Ola agus gas

Image copyright Getty Images
Image caption Gu h-eachdraidheil, b' ann air sgàth an airgid a bha ri fhaotainn bhon Chuan a Tuath a dh'fhàs taic airson neo-eisimeileachd anns a' chiad dol a-mach.

A thaobh ola agus gas, tha an aithisg ag ràdh gum biodh aig Alba neo-eisimeileach ri a dheich uimhir de thaic a thabhainn an taca ris an RA - mu £3,800 gach duine - gus an £30bn a tha Riaghaltas na RA air gealltainn airson uidheamachd a' Chuain a Tuath a dhì-choimiseanadh a choileanadh.

Canaidh ministearan na h-Alba gur e Obar Dheathain "prìomh-bhaile ola agus gas na h-Eòrpa" agus gur e Glaschu am prìomh ionad-rannsachaidh san Roinn Eòrpa a thaobh teicneòlais chumhachd-gaoithe.

Tha iad a' cumail a-mach gun leigeadh neo-eisimeileachd le Alba togail air na soirbheachaidhean.

Ach, tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air rabhadh a thoirt gum faodadh gun cailleadh Alba neo-eisimeileach subsadaidhean cumhachd ath-nuadhachail bhon chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile