Deuchainn do Lòbhat
- Air fhoillseachadh

Chan eil ceist ann mun gheama as motha san iomain an t-seachdain seo is Lòbhat a' dol a chèilidh air Bail' Ùr an t-Slèibh aig an Eilean.
Tha coltas tarraingeach dha-rìribh air a' gheama seo, an sgioba as làidire ann an iomain anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh an aghaidh na sgioba òig a tha an dòchas an crùn a tha sin a thoirt bhuapa.
Ghabh Lòbhat ceum mòr air adhart an-uiridh nuair a bhuannaich iad Cupa MhicThàmhais, ach bha ceistean gu leòr fhathast mun lìog.
Cha do chaill iad ach 1 turas sa Phrìomh Lìog ach bha iad co-ionnan ann an 8 geamaichean eile, gam fàgail pìos air deireadh air a' Bhail' Ùr air a' cheann thall.
Dh'aidich manaidsear Lòbhat, Ailean MacRath, aig toiseach an t-seusain gun robh iad gu mòr an dòchas am bliadhna dà phuing a thoirt às na geamaichean anns an robh iad co-ionnan an-uiridh.
Coileanadh
Thuige seo, tha iad air sin a choileanadh is iad air na 5 geamaichean aca a bhuannachadh.
Le Greg MacMhathain is Caoimhinn Bartlett a' cur nan tadhal tha Lòbhat cunnartach aig an aghaidh, ach tha coltas ann a-nise gu bheil iad fìor làidir aig a' chùl cuideachd.
Dh'aidich manaidsear Inbhir Aora, Garry Mac a' Phearsain, às dèidh dhan sgioba aige call 2-0 ann an Cill Tharaghlain bho chionn beagan sheachdainnean gun robh neart luchd-dìon Lòbhait air iongnadh a chur air.
Bha gu leòr den bhall aig Inbhir Aora an là ud ach dh'fhaillich orra mòran idir a chruthachadh timcheall air an tadhal le Drew Howie gu sònraichte làidir do Lòbhat.
'S e an deuchainn do Lòbhat a-nise sealltainn gun urrainn dhaibh buannachadh air falbh an aghaidh na sgioba a tha air a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh ceithir bliadhnaichean ann an sreath.
Làidir
Tha Bail' Ùr an t-Slèibh fhèin air tòiseachadh gu math a-rithist is iadsan air na 4 geamaichean aca a bhuannachadh.
A dh'aindeoin gach soirbheachais a bha aca tha am manaidsear, Pòl Iain Mac an Tòisich, ag ràdh gu bheil an sgioba aige cho acrach 's a bha iad a-riamh gus na duaisean mòra a bhuannachadh.
Bha coltas glè làidir orra Disathairne cuideachd is iad a' glèidheadh gu furasta 4-1 ann an Druim na Drochaid, àite a tha buailteach a bhith doirbh.
Tha am Bail' Ùr air cuid de bhalaich òga a thoirt a-steach ach tha iad fhathast a' crochadh gu mòr air na laoich a tha air seirbheis cho math a thoirt dhaibh.
Eòlas is neart a' Bhail' Ùir an aghaidh casan òga is luaths Lòbhait ma-tha, is le coltas aig an ìre seo nach caill na sgiobaidhean seo cus phuingean an aghaidh an fheadhain eile, dh'fhaodadh gum bi na geamaichean eatorra glè chudromach.
Slaodach
Anns na geamaichean eile Disathairne bidh Loch Abar ag amas air dà phuing 'son a' chiad turais am bliadhna nuair a thig Ceann a' Ghiuthsaich a' cèilidh is sgioba Drochaid an Aonachain air tòiseachadh car slaodach.
Tha Caol Bhòid san aon shuidheachadh ach às dèidh dhaibh gach geama thuige seo a chluich air falbh bhon taigh, tha dùil aca fàilte a chur air Ceann Loch Seile an t-seachdain seo.
Tha iad an-còmhaidh nas fheàrr ann an Taigh na Bruaich is bidh iad dòchasach gun urrainn dhaibh a' chùis a dhèanamh sa gheama seo.
Bidh Inbhir Aora cuideachd aig an taigh an aghaidh Ghleann Urchadain. Chan eil aig Inbhir Aora an-dràsta ach puing is bidh iad feumach air geamaichean a bhuannachadh an ceartuair mus fàs an suidheachadh aca èiginneach.
Ann an Lìog Tuath 1 tha geama mòr aig na Sgitheanaich an aghaidh dàrna sgioba Bhail' Ùir an t-Slèibh.
Sùileachadh
Tha e coltach fiù 's cho tràth seo san t-seusan gum bi na Sgitheanaich ro mhath dhan lìog seo, mar a bha dùil, is bidh iad a' sùileachadh dà phuing bhon gheama seo.
Ann an Lìog Tuath 3 thèid Camanachd Leòdhais an aghaidh Inbhir Nis aig Pàirc a' Bhucht.
Ged nach do bhuannaich na Leòdhasaich fhathast an seusan seo, bha fiù 's na geamaichean a chaill iad glè fhaisg.
Tha Inbhir Nis aig bonn na lìge is tha e coltach nach eil gnothaichean buileach rèidh leotha far na pàirce nas motha.
Cothrom air leth an seo dha na Leòdhasaich a-rèiste sreap suas an lìog.