Duais nan eun-creachaidh air èirigh gu £25,000

  • Air fhoillseachadh
Clamhan-gobhlachTùs an deilbh, Dean Bricknell
Fo-thiotal an deilbh,
Fhuaireadh na closaichean uile faisg air a chèile timcheall air Bràigh Chonainn, Alcaig is Lianaig.

Tha duais de £25,000 a-nis ri fhaotainn airson fiosrachaidh mu na thug bàs do 19 eòin-chreachaidh air taobh sear Rois.

B' e duais de £5,000 a chaidh fhoillseachadh leis an RSPB an toiseach, ach tha an t-sùim air èirigh mean air mhean.

Tha buidheann de thuathanaich is uachdarain a-nis an dèidh £12,000 a chur ris; am measg nan tabhartaichean, tha Scottish Land & Estates agus NFU na h-Alba.

Chaidh closaichean 5 clamhain agus 14 clamhain-ghobhlach a lorg faisg air Drochaid Sguideil agus, a rèir an RSPB, sheall sgrùdadh gun deach dusan dhiubh a phuinnseanachadh.

Fhuaireadh na closaichean uile faisg air a chèile timcheall air Bràigh Chonainn, Alcaig is Lianaig.

Tha Poilis na h-Alba ag obair còmhla ris an RSPB agus an SSPCA gus an gnothach a rannsachadh.

Tha duais airgid ann do dhuine sam bith le fiosrachadh mun chùis.

Faodar fiosrachadh a thoirt seachad le bhith a' cur fòn gu na Poilis air 101, Crimestoppers air 0800 555 111, no le bhith a' lìonadh foirme aig www.crimestoppers-uk.org.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh