Làbaraich a' gealltainn barrachd chumhachdan

  • Air fhoillseachadh
Ar n-Eileanan ri Teachd
Fo-thiotal an deilbh,
Chuir Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar fàilte air gealltanas bho na Làbaraich gun toireadh iadsan tuilleadh chumhachdan dha na sgìrean eileanach.

Tha Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar air fàilte a chur air gealltanas bho na Làbaraich gun toireadh iadsan barrachd chumhachdan dha sgìrean Eileanach na h-Alba, nam biodh iad san riaghaltas.

Nochd an gealladh bho Rùnaire Dùbhlanach na h-Alba, Mairead Curran, agus i a' coinneachadh ri riochdairean à Comhairlean Shealtainn, Arcaibh agus nan Eilean Siar.

Bha seo mar phàirt de shreath choinneamhan a bh' aig ceannardan nan comhairlean eileanach le luchd-poileataigs aig Westminster, gus bruidhinn mun iomairt aca airson barrachd chumhachdan fhaighinn do na sgìrean eileanach.

Tha còmhraidhean a' dol eadar na comhairlean eileanach agus Riaghaltas na h-Alba air a' chùis mar-thà.

Argamaid làidir

Choinnich ceannardan nan eilean ri Màiread Curran mar phàirt den iomairt "Ar n-Eileanan ri Teachd"; iomairt a tha ag amas air barrachd smachd a thoirt do dh'eileanaich air an gnothaichean fhèin, ge bith dè an taobh a thèid an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba anns an t-Sultain.

Thuirt Ms Curran gun do rinn na ceannardan argamaid làidir às leth an cuid choimhearsnachdan.

A rèir Ms Curran, dh'fhaodadh cumhachd a bhith aca a leigeadh leotha cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh, dèiligeadh ri cion consaidh, barrachd a dhèanamh ann an leasachadh eaconamach, agus barrachd smachd fhaighinn air sgìrean Oighreachd a' Chrùin.

Nan deadh Riaghaltas Làbarach a thaghadh aig an ath thaghadh choitcheann, gheall Ms Curran gum biodh Roinn nan Eilean fhathast stèidhichte ann an Oifis na h-Alba, agus gum biodh dà choinneimh fhoirmeil aca gach bliadhna le ceannardan nan trì comhairlean eileanach.

Ceart, ciallach agus cothromach

Thuirt Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gu bheil Mairead Curran, agus am Pàrtaidh Làbarach, air a bhith a' coimhead ri na rudan a tha ceannardan nan eilean ag iarraidh bho gach riaghaltas - gach cuid an Alba agus ann an Lunnainn - 's gu bheil iad a' gabhail ris gur e rudan "ceart, ciallach agus cothromach" a tha sin.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil tuigse tòrr nas fheàrr aig gach riaghaltas air na rudan a tha sinn a' faighneachd.

"Tha iad mothachail dha-rìribh air na buannachdan mòra a dh'fhaodadh a thighinn aig ìre ionadail agus aig ìre nàiseanta, gu h-àraidh a thaobh cumhachd ath-nuadhachail, ma 's e agus gun gabh na cnapan-starra a th' ann an-dràsta a thoirt air falbh.

Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt Mairead Curran gun do rinn na ceannardan argamaid làidir às leth an cuid choimhearsnachdan.

"Tha iad air gealltainn gum bi na rudan sin air an toirt air adhart anns na manifestothan aca, agus tha sinn a' lùigeachdainn gun dèanadh na pàrtaidhean uile sin thairis air na mìosan a tha romhainn," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Ceumannan mòra

Tha cumhachdan aig comhairlean Arcaibh agus Sealtainn mar-thà, a th' air an daingneachadh ann an lagh gu ìre.

Dh'innis Mgr Dòmhnallach gu bheil comhairlean nan Eilean mu Thuath airson na laghan sin a dhaingneachadh buileach, ach nach tachradh e ann am beagan sheachdainean.

Thuirt e gu bheil na riaghaltasan a' gabhail ris gu bheil buannachdan mòra air a thighinn gu Arcaibh is Sealtainn a thaobh gnìomhachas na h-ola 's a' ghas, agus thathas a' faicinn gur e rud math a bhiodh an sin tarsainn nan sgìrean eileanach air fad.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil iomairt "Ar n-Eileanan ri Teachd" a-nis air ceumannan mòra a ghabhail, chan ann a-mhàin anns na dhà no trì làithean a chaidh seachad, ach anns na naoi mìosan bho thòisich an iomairt.

Sna beagan sheachdainean ri thighinn, tòisichear a' sgrìobhadh dreach de na h-aontan air fad, gach cuid ann an Lunnainn agus ann an Dùn Èideann.

Dh'innis Mgr Dòmhnallach: "Tha sinn a' coimhead ri ceann-là aig deireadh na h-Ògmhios airson sin a bhith air aontachadh agus fhoillseachadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh