Boireannach marbh às dèidh tubaist sa Chanàl Chailleannach

  • Air fhoillseachadh
Neptune's StaircaseTùs an deilbh, Geograph/Hilmar Ilgenfritz
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu Neptune's Staircase, ann am Banbhaidh, beagan às dèidh 2:00f Diciadain.

Chaochail boireannach às dèidh dhan chàr aice a dhol dhan Chanàl Chailleannach ann an Loch Abar.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu Neptune's Staircase, ann am Banbhaidh, beagan às dèidh 2:00f Diciadain.

Thuirt Poilis na h-Alba gun deach a toirt gu Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan airson leigheas, ach chaochail i an sin.

Chaidh càr a' bhoireannaich a thogail às a' chanàl an dèidh do dhàibhearan poilis sgrùdadh a dhèanamh.

Thuirt tè-labhairt bho na Poilis gu bheil an rannsachadh a' leantainn gus na dh'adhbharaich a bàs a dhearbhadh, ach nach eil iad a' creidsinn gu bheil càil amharasach mun chùis.

Chaidh aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh