BBC Naidheachdan

Fear san ospadal às dèidh teine

Published

Chaidh fear a thoirt a-mach à flat ann an Inbhir Nis agus an cidsin air a dhol na theine.

Rinn luchd-smàlaidh cobhair air an duine à flat air an làr talmhainn de thogalach air Sràid MhicAnndrais, mu 8:30f oidhche Chiadain.

Chaidh a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir agus e air ceò a ghabhail air an anail.

Chaidh am flat a mhilleadh leis an teine agus a' cheò.