Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ofgem

Dh'òrdaich Ofgem, Riaghladair a' Chumhachd, do Bhritish Gas £5.6m a phàigheadh mar pheanas airson a bhith a' cur stad air cuid de ghnothachasan bho bhith a' gluasad gu companaidhean eile. Sheachainn British Gas cuideachd innse do luchd-cleachdaidh gun robh an cùmhnantan a' tighinn gu ceann.

Co-op

Tha tuilleadh teagamh ann mu shuidheachadh a' Cho-op agus fear eile de na stiùirichean a' fàgail a dhreuchd aig àrd-ìre. Dh'fhàg am Morair Myners, a bha na mhinistear anns an riaghaltas Làbarach, am bòrd-stiùiridh agus e coltach gun robh stiùirichean eile a' càineadh a phlanaichean airson cobhair a dhèanamh air a' chompanaidh. Tha dùil ri dearbhadh a dh'aithghearr gu bheil call de £2bn air buidheann a' Cho-op. Dh'fhàg an t-Àrd-Oifgeach, Eòghainn Mac an t-Sutharlanaich, a dhreuchd air a' mhìos seo chaidh agus esan ag ràdh nach gabhadh rian cumail air a' bhuidheann.

Tamiflu

Tha aithisg ùr ag ràdh gun do rinn riaghaltasan air feadh an t-saoghail ana-chaitheamh air mòran mhilleanan not le bhith a' stòradh banachdach am flù, Tamiflu. Tha an rannsachadh ag ràdh nach eil Tamiflu èifeachdadh, nach eil e a' gearradh an ùine a tha daoine a' fulang ach mu leth là, agus nach eil e a' toirt buaidh sam bith air an àireamh dhaoine a tha a' dol dhan ospadal 's iad a' fulang le flù. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil dleastanas orrasan stòras den droga a chumail air eagal 's gum bi sgapadh den flù ann.

Boireannach air caochladh

Chaochail boireannach an dèidh dhan chàr aice a dhol dhan Chanàl Chailleanach faisg air a' Ghearasdan feasgar an-dè. Thug maor-chladaich am boireannach a-mach às an uisge, ach chaochail i ann an Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearasdan.

Prìsean thaighean

Thuirt Institiud Rìoghail nan Luchd-sgrùdaidh Clàraichte gu bheil an àireamh thaighean a tha dhan reic agus dhan ceannach aig an ìre as àirde ann an sia bliadhna. Tha dragh ann a-nis gum bi prìsean as fhìor èirigh, leis nach eil taighean gu leòr air a' mhargaidh mu choinneimh na tha ag iarraidh ceannach.

Làbaraich

Chuir Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, fàilte air gealltanas bho na Làbaraich gun toireadh iadsan tuilleadh chumhachdan dha na sgìrean eileanach. Choinnich riochdairean à Comhairlean Shealtainn, Arcaibh agus nan Eilean Siar ri Rùnaìre Dùbhlanach na h-Alba, Mairead Curran, an-dè, an dèidh chòmhraidhean nas tràithe air an t-seachdain eadar na h-ùghdarrasan eileanach, Riaghaltas Westminster agus Riaghaltas na h-Alba.

Geòidh

Gabhaidh Comataidh nan Cùisean Dùthchail aig Pàrlamaid na h-Alba fianais mu aithrisean nach eil smachd air àireamh nan gèadh ann an eileanan na h-Alba, neo air talamh àitich air tìr-mòr. Bidh cothrom aig tuathanaich agus croitearan air na mìosan ri tighinn fiosrachadh a thoirt dhan chomataidh mun bhuaidh a tha na geòidh a' toirt air an fhearann.