Caismeachd an aghaidh bàs eun-creachaidh
- Air fhoillseachadh
Bidh caismeachd ann an Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain mar ghearain air an àireamh eun-creachaidh a chaidh a mharbhadh air Ghàidhealtachd bho chionn ghoirid.
Tha na Poilis air a bhith a' rannsachadh faisg air Drochaid Sguideil air taobh sear Rois, agus 19 eòin air am faighinn bho chionn ghoirid, agus dearbhadh ann gun deach 12 dhiubh a phuinnseanachadh.
Thuirt Leas-Cheann-Suidhe an RSPB, John Lister-Kaye, nach fhaca e cùis nas miosa na seo bho thàinig e dhan Ghàidhealtachd anns na 1960an.
Tha an RSPB a' tabhainn duais airgeid luach £25,000 airson fiosrachaidh a dhiteas duine airson na thachair.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 9 An Giblean 2014