Fianais ghèadh ri thrusadh
- Air fhoillseachadh

Trusaidh Comataidh nan Cùisean Dùthchail aig Holyrood fianais air aithrisean gu bheil àireamhan mòra de gheòidh ghlasa a' milleadh talamh-àitich ann an cuid de sgìrean de dh'Alba.
Tha tuathanaich agus croitearan air Ghàidhealtachd agus air Ghalltachd a' gearain gum bi na h-eòin ag ithe cus feòir agus arbhair.
Dh'iarr an dà chuid Caidreachas Croitearachd na h-Alba, agus Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach an Alba gun tèid barrachd smachd a chur air na th' ann de gheòidh ghlasa.
Thathas a' tomhas gu bheil mu 10,000 gèadh ann an Uibhist a-mhàin.
Meadhan na dùthcha
Chaidh cead a thoirt seachad airson na geòidh a spadadh ann an Ìle, Uibhist agus Arcaibh.
Thuirt Fear-Gairm na Comataidh, am BPA Nàiseantach Rob Gibson, gun tèid fianais air an trioblaid a thrusadh thar nam mìosan a tha romhainn.
"Tha an trioblaid leis mar a tha àireamhan nan gèadh ag èirigh gu math nas fharsainne na na sgìrean croitearachd.
"Chunnaic mi fhèin mar a tha feur agus arbhar air am milleadh gu tur air feadh sgìrean farsainn."
Tha Raibeart Dòmhnallach, a tha na labhraiche do dh'Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach agus aig a bheil fearann ann an Srath Spè, ag ràdh gu bheil na geòidh a-niste nan trioblaid do thuathanaich ann am meadhan na dùthcha.
Gun ghluasad
"'S e an rud a tha sinn a' faicinn a-nise, 's e gu bheil iad a' fuireach ann an seo," thuirt e.
"B' àbhaist gun tigeadh iad agus gum falbhadh iad, ach a-nise tha iad ann an seo fad na bliadhna agus tha iad a' greimeachadh fad an t-siubhail.
"Chan eil sion airson an toirt a-mach. Chan eil "predator" mar a chanadh iad, air na geòidh.
"Sna làithean a chaidh seachad bhiodh daoine a' losgadh orra, agus bha sin gan cumail sìos.
"Ach chan fhaod thu sin a dhèanamh. Feumaidh tu cead fhaighinn a-nise, agus chan fhaigh thu ach cead airson 's dòcha aonan no dhà a mharbhadh.
"A-niste cha b' urrainn dhan luchd-poileataigs ach faicinn gun robh rudeigin ceàrr," thuirt e.