Tirisdich air bhòtadh airson bùth choimhearsnachd

  • Air fhoillseachadh
Bùth MhicLeòid
Fo-thiotal an deilbh,
Dhùin bùth MhicLeòid an-uiridh, agus chan eil ach aon bhùth air fhàgail san eilean.

Chuir muinntir Thiriodh an taic ri plana gus bùth coimhearsnachd a stèidheachadh san eilean.

Bha cha-mhòr 70% de na bhòt ann am baileat mun ghnothach airson a' phlana.

Chan eil ann ach aon bhùth ann an Tioriodh bho dhùin bùth MhicLeòid an-uiridh.

Bha a' bhùth air a' mhargaidh fad dà bhliadhna, agus às dèidh dhi dùnadh, nochd beachd gum bu chòir dha na daoine a dhol an sàs agus bùth coimhearsnachd a stèidheachadh.

Dhùin baileat air a' chùis Disathairne seo chaidh, is tha na toraidhean a-nise a' sealtainn taic làidir dhan phlana gus buth coimhearsnachd a stèidheachadh.

Bhòt 272 uile gu lèir. Bha 190 airson a' phlana, is is 82 na aghaidh.

Thathas a' tuigsinn a-nise gun tèid buidheann-stiùiridh ùr a chur air dòigh gus an gnothach a ghluasad air adhart, is rannsachadh a dhèanamh air cò às a thigeadh airgead airson bùth a stèidheachadh.