Casg-dràibhidh do chomhairliche Hearach
- Air fhoillseachadh

Chaidh càin agus casg-dràibhidh a chur air tè de chomhairlichean nan Eilean Siar às dèidh dhith a bhith air a glacadh a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe.
Chaidh Catrìona Dhòmhnallach, aois 75, às na Hearadh, a stad air an rathad eadar Dail Chrois agus Crothaidh air a' mhìos a chaidh.
Bha i air a slighe a dh'fhaicinn caraid nuair a chur na Poilis stad oirre, air an 14mh là den Mhàirt.
Chaidh lorg gun robh i 50% thairis air an ìre dhibhe a tha ceadaichte airson dràibheadh.
Ga dìon, thuirt am fear-lagh, Iain Innes, gun robh seo co-ionnan ri bhith a' gabhail leth ghlainne fìon a bharrachd air na bhiodh ceadaichte, 's nach robh Ms Dhòmhnallach air measadh ceart a dhèanamh air na bha i ag òl.
Làn aithreachais
Thuirt e cuideachd gun robh i air a bhith a' gabhail chungaidhean-leigheis aig an àm a thug buaidh air mar a bha i a' faireachdainn, 's gun deach e às a cuimhne.
Thuirt e gun robh i làn aithreachais mu na thachair.
Nochd Catrìona Dhòmhnallach aig Cuirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis Diardaoin, far an do dh'aidich i gun robh i air dràibheadh fo bhuaidh na dibhe.
Thug an Siorram, Anndra Webster, a cead-dràibhidh bhuaipe airson bliadhna 's chaidh càin luach £300 a chur oirre.