Buaireadh mu sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Port Ruighe
Image caption Tha dùil gum fosgail an sgoil ùr san Lùnastal 2015.

Dhiùlt Comhairle na Gàidhealtachd gabhail ri iarrtas a nochd Comhairle Coimhearnachd Phort Rìgh 's a' Bhràighe san Eilean Sgitheanach airson bhòt am measg phàrantan air plana sgoil Ghàidhlig fa-leth a thogail am Port Rìgh.

Chaidh an gluasad a chur air adhart aig coinneimh sa Mhàirt.

Bha an gluasad stèidhichte air gu bheil an co-chomhairleachadh a rinneadh mu na planaichean le Comhairle na Gàidhealtachd a-nis sia bliadhna de dh'aois.

Ach dhiùlt Comhairle na Gàidhealtachd gabhail ris a' bheachd sin, 's iad ag ràdh gun deach an co-chomhairleachadh a dhèanamh gu ceart, 's gu bheil an ìre sin den phròiseact a-nise seachad.

"Tha e a' cur iongnadh orm gu bheil seo a' tighinn an-àirde aig an ìre a tha seo," thuirt an Comh. Hamish Friseal.

Othail

"Chan eil teagamh sam bith orm, cha bhi co-chomhairleachadh a bharrachd ann. Rinn sinn an co-chomhairleachadh, 's rinn sinn ceart e.

"Cho fad 's a tha fhios againne chan eil duine san sgìre a' dol an aghaidh sin. Cha chuala mi fhathast bho dhuine sam bith a bha an aghaidh seo, ann an litir no a' tighinn thugam.

"Tha cead againn seo a thogail. Fhuair sinn an cead bhon t-sluagh, agus tha sinn a' dol air adhart leis.

"Ge b' e cò a tha a' dèanamh an othail a tha seo, 's e beagan mì-mhodh a th' ann, agus chan eil iad a' bruidhinn, cha chreid mise, às leth na Comhairle Coimhearsnachd," thuirt e.

Tha dùil gum fosgail an sgoil ùr san Lùnastal 2015.