Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

SNP

Iarraidh Leas-Phriomh Mhinistear na h-Alba air luchd-taic nan Làbarach ann an Alba smachd a ghabhail air a' phàrtaidh a-rithist le bhòtadh airson neo-eisimeileachd anns an referendum anns an t-Sultain. Canaidh Nicola Sturgeon, air a' chiad là de cho-labhairt an SNP ann an Obar Dheathain, gum faodadh neo-eisimeileachd ath-bheothachadh a thoirt air na Làbaraich ann an Alba, le an saoradh bho smachd Westminster.

Co-op

Dh'fhoillsich Banca a' Cho-op call de £1.3bn airson na bliadhna-ionmhais mu dheireadh. Dhearbh am banca nach bi iad a' pàigheadh luach £5m bònus a bha iad a' cumail do dh'àrd-oifigich a dh'fhalbh nuair a theab am banca a dhol fodha. Tha am banca ann an èiginn an dèidh dhaibh smachd a ghabhail comann-tasgaidh Britannia, agus leis na thàinig orra a phàigheadh airson ana-reic air àrachas PPI.

Omagh

Tha fear mu choinneimh na cùirte an-diugh, ann an Dùn Geanainn ann an Èirinn a Tuath, fo chasaid mu mhurt 29 duine ann am bomadh an Omagh ann an 1998. Tha Seamus Daly, Poblachtach, a tha 43, air a bhith a' dol às àicheadh bho thoiseach gun robh gnothach aige ris an ionnsaigh airson nach deach duine riamh a dhìteadh.

Pistorius

Tha fear-casaid aig cùirt ann am Pretoria an Afraga a Deas a' ceasnachadh a-rithist Oscar Pistorius, a tha fo chasaid gun do mhurt e a leannan, Reeva Steenkamp. Tha am fear-casaid, Gerrie Nel, a' fàgail air Mgr Pistorius gu bheil e ga bhreugadh fhèin le atharrachadh na fhianais. Tha Mgr Pistorius ag aideachadh gun do loisg e air Ms Steenkamp agus e den bheachd thuirt e, le mearachd, gur e mèirleach a bh' anns an taigh aige, ach tha e a' dol às àicheadh gun do mhurt e i.

Port Rìgh

Thuirt Comhairliche Sgitheanach nach eil esan den bheachd gun gabh baileat a chumail aig an ìre seo mu bhun-sgoil Ghàidhlig ùr ann am Port Rìgh agus an obair air tòiseachadh mar-thà air làrach na sgoile sin. Bha Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, a' bruidhinn air mar a tha Comhairle Choimhearsnachd Phort Rìgh ag iarraidh baileat ùr air an sgoil Ghàidhlig, agus iad ag ràdh gu bheil sia bliadhna ann bhon a chaidh am baileat mu dheireadh a chumail am measg phàrantan. Thuirt Mgr Friseal nach do dh'innis duine riamh dhà-san gu bheil dragh orra mun phlana.

Eastgate

Dh'fhoillsich a' chompanaidh dham buin Ionad-Bùtha Eastgate ann an Inbhir Nis plana airson taigh-dhealbh le ochd sgrion agus àiteachan bidhe. Tha F&C Reit airson leudachadh a-mach air Ceàrnag na Seabhaig agus iad ag ràdh gun cruthaicheadh am pròiseact còrr is 200,000 cosnadh.