Am Pàrtaidh Mu Dheireadh
- Air fhoillseachadh
- comments
Shaoileadh cuid gum biodh rudeigin nas sradagaiche iomchaidh airson na co-labhairt mu dheireadh aca ro reifreann na Sultaine.
Mar as trice, bidh òraidean den t-seòrsa seo ag amas air brosnachadh a thoirt air an fheadhainn a tha an làthair.
An turas-sa, cha robh a leithid a dhìth.
Tha luchd an SNP cho brosnaichte 's a bha iad a-riamh - cha robh facal sam bith a dhìth bhon cheannard aca airson sin.
Mar sin dheth, bha an òraid seo ag amas air an fheadhainn taobh a-miugh an talla, tòrr dhiubh nach tug taic do na nàiseantaich nam beatha.
Sgeigeach
Ged a tha taic airson neo-eisimeileachd fhathast air dheireadh air taic airson an Aonaidh - a rèir nan cunntasan-bheachd co-dhiù - tha an SNP a' faicinn fianaise gu bheil iad a' dèanamh adhartais.
Mean air mhean, tha iad a' creidsinn gu bheil daoine a bha roimhe sgeigeach mu phrìomh amas a' phàrtaidh aca a' gabhal ris.
Aig a' char as lugha, tha misneach aca gu bheil iad a' faighinn èisteachd bhuapa.
Airson a' chùis a dhèanamh anns an t-Sultain, tha feum aca air taic nan daoine sin.
Anns an òraid aigesan, bha Mgr Salmond ag amas air dà bhuidhinn shònraichte: boireannaich agus luchd-taic traidiseanta a' Phàrtaidh Làbaraich.
Dh'fhoillsich iad gum biodh na ministearan Angela Constance agus Shona Robison a' dol nam ministearan caibineit, a' fàgail gum biodh dà fhichead anns a' cheud de bhuill nam boireannach.
Oidhirp
Airson nan Làbarach - no nan seann-Làbarach, chuir e cuideam air gealltanas an SNP cur às do "chìs an t-seòmair chadail" anns a' chiad bhliadhna de riaghaltas Albannach neo-eisimeileach.
Ach nas cudromaiche na polasaidh sam bith, bha an oidhirp a rinn e gus astar a chur eadar e fhèin agus neo-eisimeileachd, a' cantainn nach robh bhòt air a son na bhòt airson an SNP, no air a shon fhèin.
Rinn an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, an dearbh rud anns an òraid aicese, ag ràdh gun toireadh neo-eisimeileachd cothrom don Phàrtaidh Làbarach ath-bheothachadh fhèin, ga shaoradh bho smachd Westminster.
B' ann iongantach mar a rinn muinntir an SNP gàirdeachas aig moladh a' phàrtaidh a bu mhotha a bhios a' sabaid leotha bho là gu là.
Nach àbhaist dhaibh aoir agus spòrs a dhèanamh leotha aig amannan mar seo?
Ach chan e bliadhna àbhaisteach a tha seo ann an eachdraidh phoileataigeach na h-Alba.
Cudromach
Tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba a' comharrachadh ceithir fichead bliadhna o chaidh a stèidheachadh ann an 1934.
(A' bruidhinn ron òraid aige, thuirt Nicola Sturgeon gun robh Ailig Salmond air a bhith na cheannard fad cairteal de bheatha a' phàrtaidh).
Ach chan eil teagamh gur e seo a' bhliadhna as cudromaiche ann an eachdraidh a' phàrtaidh, 's dòcha tè de na bliadhnaichean as cudromaiche ann an eachdraidh na dùthcha gu lèir.
Shaoileadh tu gum biodh iomagain orra le mu ceud gu leth là a-mhàin air am fàgail mus cuir sinn romhpa am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich.
Ach ma tha, cha robh sin idir follaiseach aig a' cho-labhairt seo.
'S e reifreann na bliadhna seo an cothrom eachdraidheal aca agus nì an dìcheal an cothrom sin a ghabhail.