Baileat air Oighreachd na Pàirce

  • Air fhoillseachadh
Oighreachd na Pàirce
Fo-thiotal an deilbh,
Anns an Dùbhlachd, fhuair Urras Oighreachd na Pàirce £230,000 bho Stòras an Fhearainn, a leigeadh leotha a dhol air adhart leis an oighreachd a cheannach.

Chaidh a dhearbhadh gun tèid bhòt a chumail air am bu chòir do dh'Urras na Pàirce, air na Lochan ann an Leòdhas, an oighreachd a ghabhail thairis.

Bho chionn mìos, bha làn choltas ann nach tachradh an leithid, leis gun do nochd fiosrachadh às ùr a dh'fheumadh an Urras innse dhan t-sluagh mas deadh iad càil na b' fhaide.

Ach a-nis, an dèidh iomadach bliadhna de dh'argamaid anns a' chùirt, 's coltach gun tèid pàipearan-baileat a sgaoileadh an t-seachdain seo.

San t-Samhain an-uiridh, ghabh muinntir na Pàirce ri aonta a chaidh a ruighinn leis an uachdaran aca, Barry Lomas, airson an oighreachd a cheannach don choimhearsnachd.

Anns an Dùbhlachd, fhuair Urras Oighreachd na Pàirce £230,000 bho Stòras an Fhearainn, a leigeadh leotha a dhol air adhart leis an oighreachd a cheannach.

Às dèidh bliadhnaichean a' strì sa chùirt, bha an t-uachdaran deònach a reic riutha air £500,000.

Baileat

Air a' mhìos a chaidh seachad, chaidh aithris gun robh Urras na Pàirce a' sireadh cead on t-sluagh airson nan cùmhnantan a chaidh aontachadh airson sealbh a ghabhail air an oighreachd.

Ged a bha an t-Urras agus an t-uachdaran air aonta a ruighinn mun chùis, roghnaich an t-Urras cead oifigeil a shireadh ann am baileat, seach le bhòt aig coinneimh a-mhàin.

Ach, thàinig car eile sa chùis agus b' fheudar dhaibh tarraing a-mach às a' bhaileat a bha sin.

A rèir bileag fiosrachaidh a chaidh a sgaoileadh an t-seachdain seo, tha coltas gun robh an t-uachdaran ag iarraidh barrachd smachd air an teachd-a-steach a thigeadh nan deadh tuath-gaoithe a thogail air an oighreachd.

Teachd-a-steach

A rèir a' bhileag fiosrachaidh, bha Mgr Lomas ag iarraidh teachd-a-steach, chan ann a-mhàin airson a' chiad 25 bliadhna dhan tuath-gaoithe, ach airson na bliadhnaichean às dèidh sin cuideachd.

Ach, thathas a' tuigsinn a-nis gu bheil e air tarraing air ais bhon sin agus gu bheil cùisean a-rithist rèidh.

Gheibh Mgr Lomas teachd-a-steach ma thèid tuath-gaoithe a chur air chois, ach chan fhaigh e uimhir 's a bha e ag iarraidh, cho fada 's a bha e ag iarraidh.

A-nis, tha fiosrachadh air nochdadh gun tèid pàipearan-baileat a-mach gun h-uile duine aig a bheil cead bhòtadh air an oighreachd an t-seachdain seo fhèin.

Thèid am baileat a riaghladh le Comhairle nan Eilean Siar, agus thèid toradh na bhòt fhoillseachadh air Diardaoin a' 1mh là den Chèitean.

Tha fiosrachadh ga thionnal 's bidh e deiseil do dhuine sam bith a tha a' sireadh soilleireachadh sam bith co-cheangailte ris an oighreachd san eadar-ama.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh