Tuilleadh dìon air fiadh-bheatha?
- Air fhoillseachadh

Tha Buidheann Dìon nan Eun (an RSPB) ag iarraidh atharrachaidh anns an lagh airson tuilleadh dìon a chur air fiadh-bheatha.
Chumar caismeachd ann an Inbhir Nis Disathairne, às dèidh mar a chaidh 19 eòin-chreachaidh fhaighinn marbh air taobh sear Rois.
Chaidh closaichean 5 clamhain agus 14 clamhain-ghobhlach a lorg faisg air an Drochaid Sguideil.
Chaidh dearbhadh gun deach 12 dhiubh sin a phuinnseachadh.
Nochd mu 150 duine aig an iomairt Disathairne airson sealltainn cho mì-thoilichte 's a bha iad mu mharbhadh nan eun.
Thuirt iar-cheann-suidhe an RSPB, Sir Iain Lister-Kaye, gur e cùis-uabhais a th' ann agus gu bheil iad a' cur ìmpidh air na poilis agus an Riaghaltas a bhith cruaidh air an fheadhainn a tha ris an eucoir seo.
Tha duais airgid £25,000 ga thabhann airson fiosrachadh a chuidicheas le bhith a' dìteadh neach airson na h-eucoir.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 9 An Giblean 2014
- 2 An Giblean 2014