Soirbheas dha Ally K.
- Air fhoillseachadh

Rinn Ally K. Mac a' Phearsain a' chùis air an dùbhlan a chuir e roimhe aig an deireadh sheachdain 's e a' dol 125 mìle tron Eilean Sgitheanach - a' ruith 's a' coiseachd gun chadal.
Bha e ag amas air an astar air fad a dhèanamh ann an 35 uairean a thìde agus rinn e a' chùis air, dà mhionaid taobh a-staigh na targaid sin.
Ràinig e meadhan Phort Rìgh aig 9.00f Disathairne, far an do nochd mu 500 duine airson fàilte a chuir air.
Deuchainneach
Chùm e air a dh'aindeoin pian na bhodhaig agus droch shìde.
"Chùm sinn oirnn agus tha mi air mo dhòigh - ach tha mi a' dol a ghabhail fois a-nis!" thuirt e aig deireadh na slighe.
'S ann a' togail airgid do Rannsachadh Aillse a bha e le dhùbhlan, agus tha fios gun do thog e co-dhiù £25,000 dhan charthannas.
Thuirt Rùnaire buidheann ionadail a' charthannais, Alasdair MacNeacail, gu bheil Ally K. airidh air moladh mòr airson na rinn e.
"'S esan a rinn an obair airson an t-airgead a chruinneachadh agus mar sin, tha mi a' smaoineachadh gun tèid an t-ainm aig Ally K. sìos ann an eachdraidh 's gum bi daoine a' bruidhinn air iomadach bliadhna às dèidh seo."