Bhiodh "cosnaidhean ann an cunnart"
- Air fhoillseachadh

Tha Rùnaire an Dìon, Philip Hammond, air a ràdh gum bi na mìltean de chosnaidhean ann an cunnart ma bhòtas muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd.
A' toirt òraid seachad do luchd-obrach dìon ann an Glaschu, thuirt Mgr Hammond gu bheil ceist mhòr ann am biodh Alba neo-eisimeileach air chomas armachd a chumail aig ìre airson dìon a chur orra fhèin.
Thuirt fear-labhairt dìon an SNP, Aonghas Robasdan, gur e uirsgeulan agus fiosrachadh meallta a bha Mgr Hammond a sgaoileadh.
Tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ag ràdh, an dèidh bhòt "Bu chòir", gun deadh ionadan amailteach na h-Alba uile an gleidheadh.
Tha iad a' cumail a-mach, ge-tà, gun deadh bàtaichean-aigeann niuclasach a ghluasad bho Linne Chluaidh.
Rabhadh
Dh'innis Philip Hammond nach tàinig gin de bhàtaichean-cogaidh a' Chabhlaich Rìoghail bho thaobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte o thoiseach na 20mh linn - ach a-mhàin aig àm an dà chogadh mhòr.
Thàinig rabhadh bhuaithe cuideachd nach eil gealltanas sam bith ann gun deadh luing cogaidh dhan Rìoghachd Aonaichte a thogail ann an Alba neo-eisimeileach.
Tha an SNP a' cumail a-mach nach eil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ach a' feuchainn a-rithist ri eagal a chur air daoine.
"Là eile, sgeulachd eagalach eile," thuirt Mgr Robasdan.
Thuirt e gu bheilear a' sgaoileadh fiosrachaidh nach eil ceart neo fìor, 's gum bu chòrr dhaibh leisgeul iarraidh airson gearraidhean ann am buidseat an dìon.
Morair na mara
Na bu tràithe air an là, thuirt ceannard a' Chabhlaich Rìoghail, Morair na mara, gum biodh tèarainteachd anns an Rìoghachd Aonaichte agus ann an Alba nas cugallaiche, mas e agus gun bhòt muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd.
Thuirt Sir Seòras Zambellas gun dèanadh neo-eisimeileachd do dh'Alba atharrachadh bunaiteach air tèarainteachd mara san Rìoghachd Aonaichte.
Shamhlaich e an suidheachadh ri bhith "a' tarraing snàithlein a-mach à ròpa".
Bheachdaich e nach biodh an Cabhlach Rìoghail cho goireasach 's a tha e an-dràsta, agus gum biodh e gu math doirbh goireasan a' Chabhlaich a roinn eadar dà dhùthaich.
Chan eil dòigh ann, thuirt e, air a bhith a' roinn a-mach bun-structair agus buill ann an dòigh a tha a' dèanamh ciall.
Thuirt e gum biodh an Cabhlach gu mòr air a lagachadh.