Poilis a' sireadh fiosrachaidh às dèidh tubaist-rathaid

  • Air fhoillseachadh
Oifigear poilis
Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt na Poilis gun deach càr a' bhoireannaich, Vauxhall Corsa le dath airgid, far an rathaid, faisg air bun-sgoil a' bhaile.

Dh'iarradh na Poilis cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic na thachair ann an tubaist-rathaid anns an deach seann bhoireannach a dhroch ghoirteachadh.

Thachair an tubaist air rathad an A86 ann an Drochaid Ruaidh feasgar na Sàbaid, aig 3:55f.

Thuirt na Poilis gun deach càr a' bhoireannaich, Vauxhall Corsa le dath airgid, far an rathaid, faisg air bun-sgoil a' bhaile.

Tha na Poilis airson cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic na thachair no a bh' anns an sgìre aig an àm.

Faodar fiosrachadh a thoirt seachad le bhith a' cur fòn gu na Poilis air 101, Crimestoppers air 0800 555 111, no le bhith a' lìonadh foirm aig www.crimestoppers-uk.org.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh