BBC Naidheachdan

Togail do dh'iomairt FlySkye

Published
image captionBha an raon-laighe ga chleachdadh suas gu 1988
Tha a' bhuidheann FlySkye, a tha ag iomairt airson seirbheisean adhair cunbhalach a-mach 's a-steach às an Eilean Sgitheanach, a' cur fàilte air seirbheis ùr le itealan-mara a thòisicheas air an ath-mhìos.
Tha a' chompanaidh Loch Lomond Seaplanes, a bhios a' ruith nan seirbheisean, ag ràdh gu bheil mòran dhaoine air ùidh a nochdadh annta mar-thà.
Leigidh na cuairtean le luchd-turais 's eile na seallaidhean as brèagha air an eilean fhaicinn bhon adhair.
Bidh tè de na h-itealain aca stèidhichte faisg air raon-laighe an Aiseig, ann an ceann a deas an eilein, thar mhìosan an t-samhraidh.

Seirbheisean cunbhalach

B' àbhaist do Loganair a bhith a' ruith sheirbheisean eadar an t-Eilean Sgitheanach agus tir-mòr, ach sguir iad sin ann an 1988.
Tha FlySkye a' dèanamh dheth gun dèanadh e feum mhòr do dh'eaconomaidh agus coimhearsnachd an eilein nam faigheadh iad ceangal adhair ri tir-mòr a-rithist.
Tha iad an dòchas tagradh a chuir gu Ùghdarras Catharra nan Seirbheisean Adhair a dh'aithghearr airson seirbheisean adhair a thòiseachadh às ùr.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • FlySkye fhathast misneachail