Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Zambelas

Thuirt Rùnaire an Dìon, Phillip Hammond, aig òraid ann an Glaschu an-diugh, gu bheil ceist mhòr ann am biodh Alba neo-eisimeileach air chomas armachd a chumail aig ìre airson dìon a chur orra fhèin. Na bu tràithe an-diugh, thàinig rabhadh bho cheannard a' Chabhlaich Rìoghail, Morair na Mara, Sir Seòras Zambelas, gun dèanadh neo-eisimeileachd do dh'Alba cron, chan ann a-mhàin air a' chabhlach, ach air tèarainteachd Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte. Tha riaghaltas an SNP ag ràdh ge-tà, nach eil aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ach uirsgeulan.

Ugràin

Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Uilleam Hague, gun tèid tuilleadh chasg-bhannan air an Ruis ma leanas am piobrachadh agus fòirneart air taobh sear na h-Ugràin. Chaidh Ceann-suidhe na Ruis, Vladimir Putin, às àicheadh, ann an còmhradh fòn ris a' Cheann-suidhe Obama, gu bheil an Ruis a' gabhail gnothaich ris an Ugràin.

Atmhorachd

Thuit reit na h-atmhorachd a rèir clàr an CPI, gu 1.6% sa Mhàirt bho 1.7% sa Ghearran. 'S e sin an siathamh mìos ann an sreath a thuit cosgais bith-beò agus e coltach gur e connadh nas saoire a bu choireach.

Urras na Pàirce

Chaidh dearbhadh gum bi bhòt ann air am bu chòir do dh'Urras na Pàirce, ann an Leòdhas, an oighreachd a ghabhail thairis. Chaidh innse bho chionn mìos nach biodh bhòt ann leis gun tàinig fiosrachadh às ùr a-mach a dh'fheumadh an t-Urras innse dhan t-sluagh an toiseach, mus dèanadh iad dad de dh'adhartas. A-nis, tha e coltach, an dèidh bliadhnaichean ag argamaid sa chùirt, gun tèid pàipearan-baileat a' sgaoileadh an t-seachdain seo.

Caibineat

Tha Caibineat Riaghaltas na h-Alba a' tadhal air na h-Eileanan an Iar an-diugh agus a-màireach. Seo an ceathramh coinneamh ann an sreath air falbh à Dùn Èideann, bhon chaidh Pàipear Geal an Riaghaltais air neo-eisimeileachd fhoillseachadh anns an t-Samhain an-uiridh. Bidh ministearan ann an Uibhist agus ann an Leòdhas. Bidh coinneamh phoblach ann an Talla a' Bhaile ann an Steòrnabhagh a-màireach, a' tòiseachadh aig 12.30f, far am bi cothrom aig an t-sluagh ceistean a chur air Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, agus buill a' chaibineat aige.

Hillsborough

Bidh seirbheis aig stadium ball-coise Anfield ann an Liverpool an-diugh, a' cuimhneachadh gu bheil 25 bliadhna ann bho thubaist Hillsborough ann an Sheffield. Chaill 96 duine de luchd-taic Liverpool am beatha aig a' ghèam anns an iar-chuairt dheireannach de Chupa an FA eadar Liverpool agus Nottingham Forest.