Ceann-bliadhna chudromach do ChalMac

  • Air fhoillseachadh
An MV Hebrides
Fo-thiotal an deilbh,
Tha adhartas mòr air tighinn air bàtaichean aiseig thar nan leth-cheud bliadhna a dh'fhalbh

Chomharraich Caledonian Mac a' Bhruthainn ceann-bliadhna chudromach Dimàirt agus 50 bliadhna ann bho thòisich a' chiad aiseag anns na h-Eileanan Siar a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothaich airson càraichean a ghiùlain.

B' e an MV Hebrides a' chiad aiseag "roll on roll off" anns na h-Eileanan Siar, 's i a' frithealadh na slighe eadar Ùig, Loch nam Madadh agus an Tairbeart.

Ron sin, b' fheudar lìon a chleachdadh airson càraichean a thogail air bòrd nan aiseagan agus dheth a-rithist.

Beagan mhìosan às dèidh sin thòisich an MV Clansman agus an MV Columba air slighean Mhuile agus an Eilein Sgitheanaich.

Anns a' chiad bhliadhna aice, ghabh an MV Hebrides 11,000 carbad, an taca ri na 78,000 carbad a shiubhal air an aon shlighe an-uiridh.

Goireasach

Tha an t-Àrd Ollamh Dòmhnall Meek, a sgrìobh leabhar mu aiseagan Chaledonian Mhic a' Bhruthainn, ag ràdh gun tàinig atharrachadh mòr an cois nan aiseagan ùr seo.

"Bha iomagain ann gun tuiteadh rudeigin no gun rachadh an càr a mhilleadh, ach nuair a thàinig na bàtaichean aiseig a bha sin bha e gu math na b' fhasa na càraichean a chuir air bòrd."

Cha robh cùisean cho buileach furasta ge-tà nuair a thigeadh e gu bhith a' cur stuic air bòrd nan aiseagan.

"Cha bhiodh na caoraich deònach a dhol air bòrd an Hebrides, no an Clansman, no an Columba, agus bhiodh iad a' cur seachad ùine mhòr aig na cidhichean .. agus an sgioba a' feuchainn rin cuir air bòrd," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh