"Soilleireachadh a dhìth" bhon MoD
- Air fhoillseachadh

Tha Comataidh Àrainneachd agus Seirbheisean Dìon Chomhairle nan Eilean Siar a' sireadh soillearachaidh bho Mhinistrealachd an Dìon a thaobh iarrtasan dealbhachaidh airson muilnean gaoithe ann an Uibhist.
Fhuair iarrtas Uisge na h-Alba airson trì muilnean-gaoithe beaga a thogail ann an Ceann a' Bhàigh cead, ged a chaidh iarrtasan eile airson làraich faisg air làimh a dhiùltadh.
Tha dragh air an MoD mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig cuid de phròiseactan gaoithe air an rèidear aca.
Soilleireachadh
Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Ùisdean Robasdan, nach eil co-dhùnaidhean an MoD a' dèanamh ciall dhaibh.
"Chan eil mi a' leantainn a' ghnothaich idir idir a-nis, feumaidh mi a ràdh," thuirt e.
"Mar a tha a h-uile coinneamh a' dol seachad, bidh thu an dòchas gu bheil an tuigse agad mu rudan a' sìor fhàs math, ach timcheall air muilnean gaoithe 's an MoD, 's ann a tha an tuigse agam a' sìor fhàs dona."
Nochd dragh roimhe gu bheil mar a tha iarrtasan airson pròiseactan gaoithe ann an Uibhist gan diùltadh leis an MoD a' cur bacadh air eaconamaidh an eilein.
Thuirt an MoD gu bheileas a' deànamh sgrùdaidh fa leth air gach iarrtas dealbhachaidh.
Thuirt iad gu bheil iad ag obair cruaidh gus taic a toirt do phoileasaidhean agus targaidean an Riaghaltais a thaobh cumhachd ath-nuadhachail ach, aig an aon àm, gu bheil dleastanas orra dèanamh cinnteach gu bheil obair an airm ga làimhseachadh ann an dòigh sàbhailte, 's nach eil dad bhon taobh a-muigh a' toirt droch bhuaidh air.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 16 An t-Sultain 2013
- 17 An Dàmhair 2013