Dragh mu oifisean puist Uibhist
- Air fhoillseachadh

Tha dragh ann mu na dh'fhaodadh a bhith fa-near dha seirbheisean puist ann an Uibhist 's dithis a tha a' ruith oifisean puist air leigeil fhaicinn gu bheil iad an dùil an dreuchdan a leigeil dhiubh.
Tha an fheadhainn a tha a' ruith nan oifisean ann am Baile a' Mhanaich agus ann an Dalabrog gan leigeil seachad, 's tha Oifis a' Phuist a' sireadh dhaoine a bhiodh deònach an gabhail thairis.
Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist, Raghnall MacFhionghain, gu bheil oifis puist air a bhith ann an Dalabrog fad a bheatha-san.
"Chì thu ann an àiteachan eile mar a tha Oifis a' Phuist ag obair, tha iad a' feuchainn ri oifisean a phutadh a-staigh ann am bùthan mòra - chanainn nach eil sin ag obrachadh.
"Mar a tha Oifis a' Phuist ann an Dalabrog, tha e prìobhaideach, 's tha e air a dheagh ruith," thuirt e.
Thuirt Oifis a' Phuist gun robh iad an dòchas gun deadh aca air a h-uile càil a chur air dòigh gun bhriseadh sam bith a bhith anns an t-seirbheis.
Nam biodh aca ri gin de na h-oifisean a ghluasad, thuirt Oifis a' Phuist gum biodh làn cho-choimhearlachadh ann mun sin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh7 An Giblean 2014