Caibineat Riaghaltas na h-Alba ann an Steòrnabhagh

  • Air fhoillseachadh
Talla a' Bhaile ann an Steòrnabhagh
Fo-thiotal an deilbh,
Aig coinneamh phoblach ann an Talla a' Bhaile ann an Steòrnabhagh, gheall Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, taic a chumail ris a' Ghàidhlig.

Choinnich ministearan Riaghaltas na h-Alba ann an Steòrnabhagh Diciadain airson coinneamh den Chaibineat.

Am measg na chaidh fhoillseachadh leis a' Chaibineit, bha £2.1m a bharrachd do MG Alba, a tha a' ruith BBC Alba ann an co-bhann leis a' BhBC, airson barrachd phrògraman Gàidhlig a dhèanamh.

Aig coinneamh phoblach ann an Talla a' Bhaile ann an Steòrnabhagh, gheall Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, taic a chumail ris a' Ghàidhlig.

Thuirt Mgr Salmond cuideachd gum biodh smachd aig ùghdarrasan ionadail air grunnd na mara agus air stòrasan cumhachd ath-nuadhachail, nam biodh Alba neo-eisimeileach.

Am measg nan nithean eile a chaidh fhoillseachadh, bha leudachadh san àireamh àiteachan do dh'oileanaich teagaisg aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Thuirtear cuideachd gum biodh àite aig Urras Steòrnabhaigh air fòram ùr mu cheanglaichean dealain eadar sgìrean aig tuath agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte, a chaidh aontachadh eadar ministearan ann an Holyrood agus Westminster bho chionn ghoirid.

Cuideachd air feasgar Diciadain, chaidh Ministear nan Coimhearsnachdan, Rosanna Choineagain, a bhruidhinn ri muinntir Chàrlabhagh mu oidhirpean talamh na sgìre a cheannach.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh