Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coirea

Chaidh trì chuirp eile a thoirt às a' bhàt'-aiseig a chaidh fodha far Choirea a Deas Diciadain, a' fàgail dearbhadh le cinnt, aig an ìre seo, gun do chaill 28 duine am beatha. Fhuair dàibhearan dhan drochaid agus dhan àite-bidhe air a' bhàta airson a' chiad uair. Tha luchd-rannsachaidh ann an Coirea a Deas ag ràdh a-niste nach robh an sgiobair aig an stiùir nuair a thòisich an èiginn.

Ugràin

Dhiùlt militia ann an Donetsk, air taobh sear na h-Ugràin, a tha a' taobhadh ris an Ruis, aonta a chaidh a dhèanamh ann an Geneva an-dè. Fon aonta sin, bhiodh buidhnean mì-laghail a' cur bhuapa an armachd agus a' fàgail nan togalaichean air an do ghabh iad smachd. Thuirt a' bhuidheann ann an Donetsk nach caraich iad gus am falbh an riaghaltas eadar-amail a th' ann an Kiev, agus iad ag ràdh gu bheil an riaghaltas sin mì-laghail.

Everest

Chaill 12 co-dhiù de threòraiche à Nepal am beatha ann am maoim-sneachda air Beinn Everest. Tha triùir eile a dhìth, agus chaidh dithis eile a thoirt dhan ospadal. Tha e coltach gur e an tachartas as miosa de sheòrsa a-riamh air a' bheinn.

Siria

Chaidh fear à Sussex, a bha 18 bliadhna de dh'aois, a mharbhadh anns a' chogadh ann an Siria. Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèin gun deach Abdullah Deghayes a mharbhadh nas tràithe air a' mhìos seo, ach nach eil e follaiseach dè thachair. Tha aithrisean ann gun robh uncail dha na phrìosanach ann an Guantanamo aig aon àm.

CBI

Tha an CBI, an Caidreachas airson Gnothachas agus Gnìomhachas, air clàradh le Coimisean an Taghaidh mar bhuidheann a tha gu h-oifigeil an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba. Tha sin a' toirt cead dhan CBI £150,000 de thaic-airgid a chur ris an iomairt. Tha buidheann eile, Business for Scotland, a' cur teagamh ge-tà, ann an dè cho mòr 's a tha an CBI a' riochdachadh beachd ballrachd an CBI.

Eòin-chreachaidh

Thuirt an tuathanach dham buin togalaichean air an do rinn poilis sgrùdadh mu na clamhain a chaidh am puinnseanachadh air taobh sear Rois, gum bu chòir tuilleadh airgid a chur ris an rannsachadh. Chaidh feadhainn de na h-eòin mharbh fhaighinn timcheall air fearann Eòghainn Dhòmhnallaich, aig Drochaid Sguideil. Thuirt esan ris a' BhBC nach eil dad aige fhèin, no aig duine eile ann an coimhearsnachd an àiteachais anns an sgìre, ri fhalach.